Remy Cointreau a' ceannach Bruichladdich
- Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh Fhrangach Remy Cointreau, air taigh-staile Bhruichladdaich a cheannachd son £58m.
Dh'fhosgail an taigh-staile ann an Ìle bho chionn dusan bliadhna às dèidh dha a bhith dùinte son greis.
Ged a tha Remy Cointreau a' reic deoch làidir mar ruma agus cognac, seo a' chiad turas a tha iad air a dhol an-sàs ann am mac na braeche.
£58 millean
Chaidh taigh-staile Bhruichladdaich a thogail ann a linn Bhictoria 's chaidh fhosgaladh as ùr bho chionn dusan bliadhna le buidhinn bhig a bha son feuchainn air suaicheantas mac na braithe Bhruichladdaich a thoirt gu aire an t-saoghail a-rithist.
Aig ceann na buidhne bha Mark Reynier agus bha esan airson a h-uile sian co-cheangailte ris an uisge-beatha a dhèanamh ann an Ìle fhèin.
Luachmhor
Thar nam bliadhnaichean rinn iad ainm dhaibh fhèin agus chunnaic a' chompanaidh Fhrangach Remy Cointreau cho luachmhor 'sa bha an taigh staile.
Cheannaich iad e son £58m agus thuirt Àrd-Oifigear na companaidh Jean Marie Labrode gun robh e air a dhòigh ghlan gun robh an suaicheantas prìseil aig Bruichladdaich aca a-nis.
Tha dùil gun tèid cùisean a reiteach taobh a-staigh 6 seachdainean.