£130,000 son Pròiseactan Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Dhearbh am Prìomh Mhinistear gum faigh Tobar an Dualchais £100,000 airson obair le Leabharlann Nàiseanta na h-Alba son stòrlan de chlàraidhean a tha dol air ais 80 bliadhna, a chur ri chèile ann an cruth didsiotach.
Aig an aon àm thèid £30,000 a thoirt dhan chompanaidh Cànan son daoine òga a bhrosnachadh ann a bhith a' dèanamh fhiolmaichean - rud a chuireas ris na tha MGAlba a' dèanamh mar-thà, tron phròiseict FilmG.
A' bruidhinn 's e air thuras dhan Eilean Sgitheanach le Ministear an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseil, thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond gu bheil seo a' sealltainn gu bheil Riaghaltas na h-Alba gu mòr airson fàs fhaicinn anns an eaconamaidh a thaobh cultair 's gu bheil iad a' cur taic ri ealain air feadh na dùthcha.
11,500 uairean a thìde
Tha an dà chuid Tobar an Dualchais agus Cànan stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig.
Tha Tobar an Dualchais mar-thà air 11,500 uairean a thìde de chlàraidhean luachmhor a chur ann a cruth didsiotach.
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseil gu bheil na tha fainear do Chànan a' fidhe a-steach dhan churriculum son sàr-mhathais leis gu bheil a' chlann ag ionnsachadh ciamar a tha iad a' cleachdadh camara, dè a tha an lùib sgeulachd, dòighean sgrìobhaidh agus cleasachd 's a leithid.
"Tha e foilleasach bho na duaisean aig FilmG am bliadhna gu bheil daoine òga a' dèanamh adhartais leis a' chuideachadh a tha iad a' faighinn bho Chànan" thuirt e.
"Tha barrachd ùidh aig daoine ann a bhith a' dèanamh fhìolmaichean Gàidhlig agus tha tàlant air leth am measg na h-òigridh.
"Bish an t-ionmhas a bharrachd a tha seo a' brosnachadh barrachd dhaoine ann a bhith faighinn trèanaidh agus ann a bhith a' gabhail pàirt ann am FilmG".