Là leis a' Bhaile Ùr

  • Air fhoillseachadh
Baile Ùr an t-Sleibh is Caol Bhòid
Fo-thiotal an deilbh,
Chuir Danny MacRath 2 thadhal do Bhaile Ùr an t-Slèibh.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh a-nise leotha fhèin aig mullach Phrìomh Lìog na h-Iomain as-dèidh dhaibh soirbheachadh 5-2 an aghaidh Chaol Bhòid ann an Taigh na Bruaich.

Bha Caol Bhòid iad fhèin air thoiseach trath tro Dhonnchadh MacIlle'Chiar ach bha na sgiobaidhean co-ionnan goirid as-dèidh sin nuair a chuir Calum Miller am ball dhan lìon aige fhèin.

Nochd Danny MacRath an uairsin le tadhail air gach taobh de letheach ùine gus am Baile Ùr a chur air thoiseach 3-1.

Rinn na Deasaich oidhirp mhòr gus faighinn air ais sa gheama is mu dheireadh fhuair iad gu 3-2 le deich mionaidean ri dhol, tadhal eile bho MhacIlle'Chiar.

Beàrnan

Dhoirt Caol Bhoid a h-uile duine suas a' phàirc feuch an treas tadhal a chur ach dh'fhàg sin beàrnan aig a' chùl - agus 'b ann do Bhaile Ùr an t-Slèibh a chaidh na tadhail eile anmoch sa gheama, MacRath a-rithist (87) agus Calum Stiùibhart (90).

Buaidh chudromach dha sgioba Bhaideanaich is iad a-nise dà phuing air thoiseach air Caol Bhòid.

Tha Lòbhat san darna àite a-nise as-dèidh dhaibhsan a' chùis a dhèanamh air a' Ghearasdan 3-1.

Dh'fhaodadh gum bi buaidh aig Ceann a' Ghiuthsaich fhathast air far an tèid an tiotail - rinn iadsan a' chùis air Eilean Bhòid 5-0 agus chan eil iad ach ceithir puingean air cùlaibh a' Bhaile Ùir le geama nas lugha air a chluich.

Sios

Tha Eilean Bhòid a-nise an ìre mhath cinnteach air an t-àite aca sa Phrìomh Liog a chall is 's iogantach nach iad Cill Mhàilidh a thèid sios còmhla riutha.

Chaill Cill Mhàilidh 7-1 ann an Inbhir Aora Disathairne agus tha e doirbh fhaicinn ciamar a ghlèidheas iad àite sa Phrìomh Lìog - fiùs ma nì iad a' chùis san dà gheama a tha air fhàgail aca.

Thog Loch Abar Cupa a' Bhaile Mhòir is iad a' buannachadh gu furasta air a' cheann thall an aghaidh na Manachainn, 5-1.

Deasachadh math son Loch Abair is geama mòr eile aca Disathairne seo tighinn an agaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh ann an Cupa na Camanachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh