Beagan faochaidh air rathad Mhuile

Rathad B8035
Image caption Chaidh an rathad a ghearradh dheth le maoim-slèibhe bho chionn 3 seachdainean

Fhuair muinntir Mhuile beagan faochaidh le pìos den rathad a bha dùinte airson cha mhòr trì seachdainnean a' fosgladh a-rithist.

Chaidh am B8035 a dhùnadh as dèidh maoim-slèibhe a sguab trì drochaidean air falbh aig toiseach na mios.

B'fheudar cobhair a dhèanamh air 13 inbheach agus aon phàiste a bha glaicte am broinn na càraichean aca faisg air a' Chnoc.

B'iad luchd-turais a bha 'sa mhòr-chuid dhuibh agus chaidh bàtaichean gan ionnsaidh son an toirt gu sàbhailteachd.

Dà dhrochaid eile

Dh'fhosgail aonnan dhe na drochaidean air am B8035 aig Abhainn na h-Uamha a-rithist Diluain do dh'fheadhainn a tha a' fuireach faisg air làimh.

Thuirt Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad ag obair air an dà dhrochaid eile 's gu bheil iad an dòchas gum fosgail iadsan ron Dàmhair ach bi casg air astar orra aig deich mìle san uair.

Tha iomagain air cuid nach bi an obair seo deiseil ann an am son rèis chàraichean Muile a bhitheas a' cleachdadh an rathad seo.

Tha an rally a' dol air adhart eadar an 12 agus 14mh Dàmhair, ach thuirt an Comhairliche Eileanach Màiri Sìne Devon gun tèid e air adhart fius ged nach biodh an rathad seo deiseil, chionn chleachdadh iad rathaidean eile air an eilean.