Cùmhnant airson Taigh-tasgaidh ùr

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cùmhnant luach £3.25m, a thoirt seachad airson àite ùr a thogail do Thaigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

'S e companaidh Robertson, a tha stèidhichte ann an Eiliginn. a fhuair an cùmhnant airson na h-obrach.

Bu chòir gum bi an t-ionad ùr deiseil ann an 2014 agus thèid cruinneachaidhean an taigh-tasgaidh an uair sin a chumail ann.

Bidh stòr agus àite-taisbeanaidh cuideachd an cois an leasachaidh.

"Am Fasgadh"

Chaidh Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd a stèidheachadh an toiseach ann an Ceann a' Ghiùthsaich leis an t-Oll Ishbel F Ghrannd fon ainm "Am Fasgadh" agus 's e seo an t-ainm a bhios cuideachd air an ionad ùr.

Anns an taigh-tasgaidh, chithear stuthan co-cheangailte ri beatha thraidiseanta na Gàidhealtachd agus tha iomadach rud aca a' buntainn ri obair an taighe, obair an fhearainn agus sgilean traidiseanta.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi e nas fhasa na cruinneachaidhean a ghlèidheadh agus a thaisbeanadh anns an togalach ùr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile