Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

25 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

GDP

Tha figearan a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag ràdh gu bheil eaconomaidh Bhreatainn san darna tilleadh gu crìonadh as miosa bhon a thòisich clàradh bho chionn còrr is leth-cheud bliadhna. Tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gu bheil a' chiad thomhais aca ag radh gun deach toradh na dùthcha, GDP, air ais 0.7% eadar an Giblean agus an Og Mhìos. Tha eòlaichean ag ràdh gun tug an droch shìde aig an àm agus deireadh sheachdainn Iùbalaidh na Banrìgh droch bhuaidh air na figearan. Chaidh obair togail sìos 5.2% san ùine sin agus tha riochdairean a' ghnìomhachais ag ràdh gu bheil companaidhean ann an èiginn.

Dàibhidh Cairns

Thuirt càraid Dhàibhidh Cairns, ball-pàrlamaid Inbhir Chluaidh a chaochail an uiridh, gun do chuir Àrd Easbaig ùr Ghlaschu ri àmhghar an teaghlaich le bheachdan an-dè, a rinn ceanga,l tha e coltach, eadar a bhàs agus gu robh e gèidh. Bha an t-Àrd Easbaig Philip Tartaglia a' bruidhinn aig Oilthigh Oxford an-dè air saorsa creideimh agus co-ionnanachd. Thuirt fear-labhairt dhan Eaglais Chaitligich gu robh an t-Àrd Easbaig a' freagairt cheist bho na bha an làthair aig an àm agus nach robh e na bheachd dìmeas a dhèanamh air duine.

Stailc

Thèid an Riaghaltas dhan Àrd-chùirt feasgar an-diugh a'dh'fheuchainn ri stad a chuir air stailc aig Port-adhair Heathrow a-màireach, an là mus tòisich na Geamaichean Oilimpiceach gu h-oifigeil. Tha luchd-obrach nan crìochan 's nan in-imrich a measg na tha a' gearain mu thuarasdal agus cùmhnantan-obrach. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun deach mearachd a dhèanamh anns a' bhaileat airson stailc.

Tubaist

Chaidh boireannach òg a mharbhadh ann am maoim-slèibhe ris a' chladach ann an Dorset feasgar an-dè. Bhuineadh Charlotte Blackman, a bha 22, do Derbyshire. Tha e coltach gur e an t-uisge trom a bh' ann bho chionn ghoird 's coireach gun do thuit a' chreag aig Burton Bradstock faisg air Bridport.

Rannsachadh

Tha oifigich aig Port-adhair Mhanchester a' rannsachadh ciamar a fhuair gille, aona bliadhna deug de dh'aois, air plèana dhan Roimh gun tiocaid, càirt-siubhail neo cead a dhol air bòrd. Chaidh cuid den luchd-obrach aig a' phort-adhair a chasg rè-ùine bhon obair.

Uallach inntinn

Chaill NHS nan Eilean Siar aon deug mìle uair de thìde obrach an uiridh le daoine far na h-obrach le uallach inntinn, a-rèir 's na fhuair ball Làbarach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd, fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil tinneas a-measg luchd-obrach aig an ìre 's lugha a-riamh - fon amas nàiseanta aig 4%. Thuirt iad gum faod daoine diofar ìrean de dh'uallach 's trom-ìnntinn a bhith orra air diofar adhbhar 's gu bheil iad a' toirt taic dhaibh.