An t-Arm air ionad an RAF aig Cinn Lois a ghabhail os làimh
- Air fhoillseachadh

Tha an t-Arm air ionad feachd adhair Chinn Lois thairis.
Tha an RAF air a bhith stèidhichte aig an làraich fad 70 bliadhna.
Tha seo mar phàirt dhen ath-sgrùdadh air seirbheisean dìon a rinn Riaghaltas Bhreatainn an-uiridh.
Bho 1939 tha pàirt cudthromach air a bhith aig ionad Chinn Lois ann an seirbheisean dìon Bhreatainn.
Dùnadh
An-uiridh cho-dhùin Riaghaltas Westminster cur às dhan chùmhnant airson itealain Nimrod ùra a bha gu bhith stèidhichte aig an ionad.
Chaidh co-dhùnadh cuideachd ionad feachd adhair Luachair ann an Fìobha a dhùnadh.
Tha sin a' ciallachadh nach bi ach aon ionad feachd an adhair ann an Alba - ann an Inbhir Lòsaidh.
Tha ionad Chinn Lois ga chumail fosgailte ann an riochd ùr ge-tà.
Ghabh an t-Arm an t-ionad thairis aig tachartas shònraichte aig an làraich.
Gluaisidh 700 saighdear bhon Rèiseamaid Einnsinireach 39 - a tha stèidhichte ann an Cambridge, a-steach dhan ionad thar mhìosan an t-samhraidh.
Ach tha feadhainn ag ràdh nach bi ach an dàrna leth den àireamh de shaighdearan stèidhichte ann an sgire Mhoireibh an coimeas ris an àireamh de luchd-obrach an RAF a bh'ann.