Draghan na h-Eaglaise Saoire mu phòsaidhean gèidh

Tha co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba a dhol air adhart le bile airson pòsaidhean gèidh a cheadachadh, a' dearbhadh gun dèan iad an rud a thogras iad ge bith dè chanas am poball.

Sin a-rèir Eaglais Shaor na h-Alba, a tha a' gealltainn cumail a' strì an aghaidh nam molaidhean.

Thuirt an t-Urramach Ìomhair Martainn air Aithris na Maidne an diugh gun lean iad orra ag iarraidh air an Riaghaltas an inntinn atharrachadh.

Dh'fhaodadh gum bi na ciad phòsaidhean gèidh ann an Alba ann an 2015.

Diombach

Dhearbh Ministearan Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo gun gluaiseadh iad am bile air adhart na bu thràithe air a' chùis.

Tha ceannardan poileataigeach, buidhnean chòraichean daonna agus cuid de chreideamhan air fàilte a chur air a' cho-dhùnadh.

Ach chuir Eaglais na h-Alba agus an Eaglais Chaitligeach, am measg eile, gu làidir na aghaidh.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Draghan mu phòsaidhean gèidh

Agus thuirt an t-Urramach Ìomhar Martainn bhon Eaglais Shaoir nach robh iad den bheachd gun do dh'èist an Riaghaltas ris na beachdan sin.

"Bha sinne gu math duilich nuair a chuala sinn nach robh an riaghaltas ag èisteachd ris an fheadhainn a chuir a-steach freagairtean.

"Mar a tha sinne a' faicinn, as bith dè tha daoine ag ràdh, tha an Riaghaltas, tha e coltach gu bheil iad a' dol a dhèanamh a-rèir mar a tha iadsan a' faicinn.

Ach tha feadhainn a tha a'cuir taic ri pòsaidhean gèidh air an dòigh.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Taic ga chur ri pòsaidhean gèidh

Moiteil

Thuirt Craig Atkins a tha ann an compàirteachas catharra gur e ceum mòr air adhart a tha seo.

"Chaidh mi thogadh nuair a bha e mi-laghail a bhith nad dhuine gèidh.

"Nuair a thàinig mi a Bhreatainn anns na 90an bha Section 28 fhathast ann.

"Tha mi smaointinn gum bu chòir dhuinn uile a bhith gu math moiteil àsainn fhèin mar choimhearsnachd ann an Alba gu bheil sinn air thoiseach air na dùthchannan eile ann am Breatainn.

Tha Riaghaltas Bhreatainn cuideachd air co-chomhairleachadh a chur air dòigh son an inbhe a tha aig compàirteachas catharra atharrachadh airson cead a thoirt do dhaoine gèidh ann an Sasainn agus sa Chuimrigh pòsadh.

Tha iad airson an t-atharrachadh sin a chur an gnìomh ro dheireadh 2015.