Raon-goilf do dh'Eilean Diùra?
- Air fhoillseachadh
Tha Eilean Dhiùra cliùiteach mar-thà son uisge-beatha, beanntan brèagha agus Cuairt-shlugan Choire Bhreacain.
Ach tha planaichean ann a-nis airson raon-goilf aig fìor àrd ìre a stèidheachadh air an eilean.
Tha an t-uachdaran ùr air oighreachd Àrd Fionn airson an raon a thogail air tuathanas a tha air a bhith bàn son grunn bhliadhnaichean.
Tha dùil gun tèid iarrtas foirmeil son cead-dealbhachaidh do Chomhaire Earra Ghàidheal is Bhòid nas fhaide air a' bhliadhna.
Co-chomhairleachadh
Cheannaich an t-Astràlianach, Greg Coffey, a cheannaich an oighreachd bho chionn ghoirid.
Tha co-comhairleachadh fad trì mìosan air tòiseachadh agus gheibh muinntir an eilein cothrom an cuid bheachdan a chur air adhart.
Tha an oighreachd cuideachd a' bruidhinn ri buidhnean àrainneachd mar Dhualchas Nàdair na h-Alba airson dèiligeadh le draghan sam bith a dh'fhaodadh a bhith orrasan mun leasachadh.