Buannachd an cois na h-eucoir air a' Ghàidhealtachd?
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh buannachd mhòr a thighinn an lùib leabhraichean eucoir a tha stèidhichte air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Sin a-reir an ùghdair Peadar May a bha a' bruidhinn aig Fèis Leabhraichean Inbhir Nis a tha gabhail àite an t-seachdain seo.
Tha an t-ùghdar air dà leabhar eucoir a sgrìobhadh mar-thà a tha stèidhiche air Eilean Leòdhais.
Agus tha e a' cumail a-mach gu bheil tòrr den luchd-leughaidh aige anns an Fhraing agus ann an Sasainn airson na h-eileanan fhaicinn.
Murt is marbhadh
'S e murt 's marbhadh a bh'air a chlàr-ghnòthaich aig toiseach Fèis Leabharaichean Inbhir Nis a tha a' ruith fad na seachdain seo.
Bha Pedar May ann an còmhradh mu na leabharaichean eucoir aige stèidhichte ann an Leòdhas.
Tha Maighstear May am measg buidhne de dh'ùghdaran a tha air ficsean eucoir a sgrìobhadh stèidhichte air a Ghàidhealtachd.
Tha an t-ùghdar ag ràdh gu bheil na bliadhnaichean a chuir e seachad ann an Leòdhas, ag obair air a' phrògram 'Machair', air buaidh a thoirt air a chuid sgrìobhaidh.
"Chruthaich iad rudeigin annamsa nach robh fios agam mu dheidhinn, ach a bha na phàirt riatanach den phroiseas sgrìobhaidh.
Aran-milis is tartan
Tha Manaidsear Prògraim Eden Court, Roz Bell cuideachd den bheachd gum faodadh seo feum a dhèanamh don Ghàidhealtachd.
"Tha e a' sealltainn nach eil sinn ann dìreach airson aran-milis neo tartan.
"Bidh rudan a' tachairt an seo - droch rudan agus rudan matha, rudan as urrainn dhan Ghàidhealtachd a thoirt air bòrd.
Tha tòrr de leabharaichean aig Pedar May air an reic anns an Fhraing agus air feadh na Roinn Eòrpa.
Agus na bheachdsan, dh'fhaodadh seo a bhith na bhuannachd do thurasachd ann an Alba - agus gu h-àraidh do na h-Eileanan an Iar.
Tha dùil ris an treas leabhar san t-sreath a tha stèidhichte ann an Leòdhas aig toiseach na h-ath-bhliadhna.
Agus tha dòchas ann gun lean na buannachdan dha na h-eileanan ri linn sin.