Iarrtas as ùr son uisge a shàbhaladh anns na h-eileanan

  • Air fhoillseachadh

Tha Uisge na h-Alba airson a chur an cuimhne dhaoine ann an Leòdhas agus anns an Eilean Sgitheanach cumail orra a bhith faiceallach le an cuid uisge.

A dh'aindheoin beagan uisge thairis air an deireadh sheachdain sa chaidh, tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil ìrean uisge ann an cuid de sgìrean gu math ìosal.

Tha an tiormachd air bualadh air cuid de sgìrean anns na h-Eileanan an Iar agus ann an Iar-thuath na Gàidhealtachd anns na mìosan a dh'fhalbh.

Ri linn sin, tha Uisge na h-Alba air rabhadh as ùr a thoirt do dhaoine a bhith air am faiceall.

Sùil gheur

Tha a' chompanaidh uisge ag iarraidh air daoine, gu sònraichte ann an Steòrnabhagh, air Taobh Siar Leòdhais agus ann am Port Rìgh a bhith faiceallach leis na tha iad a' cleachdadh de dh'uisge.

Ged a tha beagan uisge air a bhith ann sna làithean a dh'fhalbh, tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil iad fhathast a' cumail sùil gu math geur air cùisean.

Thathas ag iarraidh air luchd-cleachdaidh anns na sgìrean far a bheil an t-uisge ìosal pocanan sònraichte, a thèid a chleachdadh san cistern 'sa tha cùmhnadh an t-uisge, a thogail gu h-ionadail.

Bidh na pocanan seo rim faighinn bho luchd-obrach Uisge na h-Alba a bhios an làthair anns na sgìrean sin an ath sheachdain.

Sàbhalaidh na pocanan seo liotair de dh'uisge gach turas a tha uisge ga chur sìos a' phana.

Thuirt riochdaire bho Uisge na h-Alba gum faod iomadach rud, a leithid a bhith a' cur dheth an tap nuair a tha daoine a' glanadh am fiaclan, neo a bhith a' cleachdadh na pocanan sònraichte, uisge a shàbhaladh.