Comhairle do luchd-coiseachd

Damh Image copyright SNH
Image caption Tha fiosrachadh air làrach-lìn SNH mu sheusan stalcaireachd nan damh

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' moladh do luchd-coiseachd sùil a thoirt air làrach-lin air a bheil fiosrachadh mu sheusan stailcaireachd nan damh.

Chaidh an làrach-lìn a stèidheachadh bho chionn trì bliadhna agus chaidh a leudachadh am bliadhna a' toirt a-steach na sgìrean coiseachd air a bheil daoine fior dhèigheal leith a' Chàirn Ghoirm agus beantann air a chosta siar.

Tha fiosrachadh air an làraich www.outdooraccess-scotland.com/hftsh mu dè na h-oighreachdan air a bheil stalcaireachd a' gabhail àite, agus càite am faighear tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn.

Bidh cuid de dh'oighreachdan cuideachd a' moladh slighean a bu chòir do luchd-coiseachd a ghabhail gus nach cuir iad dragh air an fheadhainn a tha a' sealg nan damh.

Bidh seusan an t-seilge a' ruith bhon Iuchar chun Damhair gach bliadhna.

Thuirt Ridseard Cooke bho Chomann Bhuidheann Stiùiridh nam Fiadh gum faod an dà chuid luchd-coiseachd agus luchd-seilg a bhith a-muigh air na beanntan aig an aon àm cho fad 's nach tèid aca anns an rathad air a' chèile.

B'abhaist seirbheis fòn a bhith ann son faighinn a-mach càite robh luchd-seilg, ach le daoine a' gluasad gu bhith cleachdadh an eadar-lion, chaidh an t-seirbheis atharrachadh cuideachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile