Am Free North a' fosgladh a dorsan

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Sgeama eaglaise do luchd-turais

Tha cothrom ga thoirt do luchd-turais cuairt a ghabhail timcheall air Eaglais am Free North ann an Inbhir Nis.

Tha an eaglais, a tha sùidhichte ri taobh na h-aibhne, a' fosgladh a dorsan gach feasgar Disathairne - gus am faigh daoine air sùil nas fheàrr a thoirt oirre.

'S ann aig an eaglais a tha an stìoball as àirde a-measg nan eaglaisean an cois na h-aibhne, agus tha dreach gu math traidiseanta air taobh a-staigh an togalaich.

Fo-thiotal an deilbh,
Tha cumadh traidiseanta air taobh a-staigh na h-eaglaise

Tha an soisgeul cuideachd air a chuir fa chomhair an fheadhainn a thig a-steach - 's bileagan fiosrachaidh rim faighinn ann an diofar chànanan.

Thuirt fear de dh`èildearan na h-eaglaise, Aonghas Iain Caimbeul, gun deach co-dhùnadh seo a dhèanamh air sgàth 's gum bi uidhir a dhaoine a' coiseachd seachad air an eaglais.

"Smaoinich sinn gum bu chòir dhuinn an eaglais fhosgladh gus am faiceadh daoine am broinn na h-eaglaise agus cho speisealta 's a tha i", thuirt e.

Bidh an eaglais fosgailte eadar 2f agus 5f gach feasgar Disathairne, suas gu deireadh an Lùnasdail.

Tha dùil, às dèidh do sheusan na turasachd a bhith seachad, gum bithear ag amas air muinntir a' bhaile fhèin a thaladh a-steach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh