Cothrom dioghaltas do Loch Abar

Iain MacCoinnich & Ùisdean Innes
Image caption Tòisichidh an geam aig 1200 Disathairne

Gheibh sgioba Loch Abair cothrom dioghaltas fhaighinn Disathairne sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd an aghaidh Baile Ùr an t-Slèibh.

Chan eil an dà sgioba air coinneachadh bho chuairt dheireannaich Cupa MhicThàmhais - geam a bhuannaich am Baile Ùr gu comfhurtail còig taghail gu h-aon ann an Inbhir Nis.

Tha seusan soirbheachail air a bhith aig Loch Abar - tha iad san treas àite sa chiad roinn aig tuath.

Tha iad gun gheam a chall, is tha geamaichean a bharrachd aca fhathast ri chluich an coimeas ri na sgiobaidhean mun cuairt orra air sgàth an cuid saothair 's na copain.

Mar sin tha a h-uile coltas ann gun tèid aca air tilleadh chun a' Phrìomh Lìog.

Dùbhlan

Tha e gu bhith doirbh dhaibh faighinn chun na h-ath chuairt is Brian Dòmhnallach a dhìth orra.

Chaidh esan a ghoirteachadh an t-seachdain sa chaidh is Loch Abar a' togail Cupa a' Bhaile Mhòir.

Ach, tha iad a' dol an aghaidh Baile Ùr an t-Slèibh son àite san iar chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Tha am Baile Ùr aig barr na Prìomh Lìog.

Thog iad Cupa MhicThàmhais nas traithe am bliadhna agus 's iad a bhuannaich Cupa na Camanachd an-uiridh cuideachd.

Chan eil ach aon sgioba aig a bheil cothrom, a-rèir eòlaiche an iomain Ùisdean Mac'Illfhinnein.

"'Se coig gu h-aon a bh'ann ann an Cuairt Deireannach Cupa MhicThàmhais. Chan eil mi faicinn dòigh nach tèid am Baile Ùr troimhe", thuirt e.

Cluichidh an sgioba a nì an gnothach an aghaidh Caolas Bhòid aig Pàirce Mhossfield san Òban air an 11mh den Lunasdal.

San iar chuairt dheireannaich eile, cluichidh Ceann Loch Seile Inbhir Aora an t-seachdain ron a sin sa Ghearasdan.