Dotair ga shireadh an Diùra

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dotair ga shireadh ann an Diùra

Tha e air faileachadh thuige seo air muinntir Dhiùra, dotair-teaghlaich làn-ùine a thàladh chun eilein.

Tha a' choimhearsnachd fhèin air a dhol an lùib na h-iomairt, leis nach deach ùidh sam bith a shealltainn san obair às dèidh dhith a bhith air a shanasachd ann an irisean meidigeach.

Shoirbich leis an aon seòrsa iomairt roimhe, ach b' fheudar dhan dotair sin an t-eilean fhàgail bhon uair sin.

Tha mu 200 duine a' fuireach ann an Diùra, agus feumaidh an dotair-teaghlaich a bhith deònach gairm èiginn a fhreagairt aig àm sam bith.

Tarraingeach

Image caption Tha dùil gum faodadh àrainneachd an eilein a bhith na tharraing do dhotairean-teaghlaich

Thuirt Cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Uilleam Dòmhnallach, gur e obair gu math tarraingeach a th' ann.

"'S e àite breagha a th' ann, agus tha na daoine gu math càirdeil. Tha dòigh-beatha math againn, deagh sgoil agus 's gann gu bheil eucoir sam bith ann", thuirt e.

Tha a' choimhearsnachd air iomairt a thòiseachadh air Facebook, agus tha iad a' tabhainn ticeardan-aiseig nas saoire do dhaoine aig a bheil ùidh anns an obair.

Tha botal de dh'uisge beatha, a chaidh a dhèanamh air an eilean fhèin, ga thabhann do dhuine a chuidicheas le bhith a' faighinn lorg air dotair-teaghlaich freagarrach.