Mì-thoileachas mu chasg iasgaich

Maosgan caol
Image caption Tha dragh air Bertie Armstrong gun tèid iasgairean na dùtcha a-mach air a' chèile.

Tha fear de cheannardan iasgairean na h-Alba ag iarraidh air an riaghaltas ìmpidh a chur air an Roinn Eòrpa riaghailtean an iasgaich atharrachadh, gus nach bi iasgairean na dùthcha a' dol a-mach air a chèile.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba mar tha gun tèid casg air cuid de dh'iasgairean an taobh sear bho bhith ag iasach nam muasgan-caola air an taobh an iar gu deireadh na bliadhna.

Thèid an casg a chur an-sàs is dragh ann gun tèid iasgach nam muasgan-caola air a' chost an iar a ghearradh air ais gu mòr, no fiù 's a dhùnadh builleach glan, air sgath 's mar a tha uiread de thràbhlairean bhon chuan a tuath air gluasad chun taobh siar am bliadhna.

A rèir Bhertie Armstrong bho Chaidreachas Iasgairean na h-Alba, 's e bacaidhean a tha ann airson stocan an truisg a bu choireach gu bheil iasgairean an taobh sear air gluasad dhan chost an iar.

Thuirt Mgr Armstrong gum bu chòir riaghailtean a thaobh an truisg aig ìre Eòrpaich atharrachadh mus bi iasgairean na h-Alba a' dol an aghaidh a chèile.

Thuirt Ministear an Iasgaich ann an Alba, Richard Lochead, gur e an rud ceart a th'anns a' chasg airson beòshlaint iasgairean an taobh siar a dhìon.

Tuilleadh air an sgeulachd seo