Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha an t-sabaid a' sìor a dhol air adhart eadar feachdan an riaghaltais agus reubaltaich ann an Aleppo, am baile as motha a th'ann an Siria. Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil 200,000 duine air teicheadh bhon t-sabaid air an deireadh-sheachdain. Tha Ministear Chùisean Cèin Shiria a' coinneachadh ri riaghaltas Iran an-diugh ann an Tehran.

Bancaichean

Thuirt am banca HSBC gu bheil iad air £950m eile a chur an darna taobh gus am pàigh iad càin airson ana-chleachdadh ris an robh iad le reic àrachas agus stuth eile ri luchd-cleachdaidh. Dh'fhoillsich am banca prothaid nas fheàrr na bha dùil an-diugh de chòrr is £8b, ro chìsean.

Agus thuirt Àrd Oifigeach Bhanca Rìoghail na h-Alba gu bheil làn dùil aige gun tèid càin air a' bhanca airson am pàirt ann an sgainneal Libor. Thuirt Stephen Hester gu bheil Ughdarras nan Seirbheisean Ionmhas a' rannsachadh RBS mun dòigh san deach feuchainn ris an riadh air iasad a stèidheachadh aig ìre a fhreagarradh air na bancaichean. Chaidh càin de £290m air Banca Bharclays air a' mhìos seo chaidh.

Geamachean Olimpiceach

Thuirt Ministear Olimpigeach nan Làbarach, Tessa Jowell, gum feum luchd-stiùiridh nan geamachan dèanamh cinnteach gun tèid suidheachain fhalamh aig na farpaisean a lìonadh. Thuirt i nach iad na companaidhean a tha a' cur taic ris na geamachan as coireach ach na dùthchannan a tha a' gabhail pàirt 's nach eil a' cleachdadh nan tiocaidean a chaidh a thoirt dhaibh.

Thuirt Scotland Yard gur e mearachd shimplidh a rinn oifigear poilis a bu choireach gun deach iuchraichean airson pàirt de Stadium Wembley a chall. Chaidh na h-iuchraichean a dhìth Dimàirt seo chaidh nuair a bha oifigich a' sgrùdadh an stadium mus robh na ciad geamachan ball-coise ann. Thuirt oifigich Olimpigeach nach eil coltas sam bith ann gun deach na h-iuchraichean a ghoid agus gun deach na glasan atharrachadh bhon uairsin.

Iasgach

Tha fear de cheannardan iasgaich na h-Alba ag ràdh gum feum an Roinn Eòrpa riaghailtean an iasgaich atharrachadh, gus nach bi iasgairean na h-Alba a' dol a-mach air a chèile. Tha Bertie Armstrong bho Chaidreachas Iasgairean na h-Alba ag ràdh gur e casg air iasgach an truisg as coireach gu bheil bàtaichean a' chost an ear air gluasad gu iasgach nam maosgan caola air an taobh siar.

Pàirce Chumhachd

Thèid a' chiad Phàirce Chumhachd aig Muir fhoillseachadh ann an Alba an-diugh anns a' Chaol Arcach. Tha na h-uimhir de chompanaidhean ag obair mar-thà a' leasachadh sgeamaichean cumhachd sa Chaol Arcach agus timcheall air eileanan Arcaibh, agus tha dòchas ann gun toir inbhe pàirce na companaidhean sin còmhla. Tha dòchas ann cuideachd gun tèid cosnaidhean ùra a stèidheachadh ann an Arcaibh agus air tìr mòr.