Farpais son chùmhnantan heileacoptairean teasairginn

  • Air fhoillseachadh
Heileacoptair an RAFTùs an deilbh, MoD/Crùn
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh luchd-obrach san roinn phrìobhidich a' gabhail na h-obrach os làimh bhon Chabhlach Rìoghail agus an RAF.

Bidh 3 companaidhean a' farpais son cùmhnantan a ghlèidheadh gus seirbheis heileacoptairean teasairginn ann am Breatainn a thoirt seachad.

Bidh a' bhuidheann, neo na buidhneanan a bhios soirbheachail a' gabhail na h-obrach a tha gu ruige seo air a bhith an urra ris an RAF, an Cabhlach Rìoghail agus na Maoir-chladaich os làimh.

Bhiodh an t-seirbhis stèidhichte aig diofar làirich air feadh na dùthcha - ann an Steòrnabhagh agus ann an Inbhir Losaidh, am measg àiteachan eile.

'S iad Bond Offshore, Bristow agus CHC Scotia na trì companaidhean a chaidh fhoillseachadh le Roinn na Còmhdhail a bhios a' strì airson na cùmhnantan a ghlèidheadh.

Pasganan

Tha dùil gum foillsich Riaghaltas Westminster cò a' chompanaidh, neo cò an fheadhainn a bhios soirbheachail, tràth an ath bhliadhna.

Tha na companaidhean uile air tagraidhean a chur a-steach airson trì diofar phasganan de sheirbheisean.

Bhiodh aon phasgan a' gabhail a-steach sheirbheisean a-mach à Steòrnabhagh agus Sealtainn, agus an dàrna fear airson seirbheisean à Inbhir Lòsaidh agus Preastabhaig.

Agus bhiodh na làirich air fad fon aon stiuìr còmhla an lùib an treas pasgan.

Dàil

A-rèir nan cùmhnantan, rachadh heileacoptairean ùra a tha nas luaithe agus nas goireasaiche a chur an sàs an àite feadhainn Sea King.

Chaidh dàil a chur air a' phròiseas an uiridh às dèidh dha thighinn am follais gun deach riaghailtean dìomhaireachd a bhriseadh.

Agus tha an Riaghaltas Nàiseantach ann an Alba air càineadh a dhèanamh air a' cho-dhùnadh airson na cùmhnant a chur a-mach dhan roinn phrìobhidich, 's iad ag ràdh gu bheil pàirt cudthromach aig na feachdan dìon ann an obair theasairginn.