Cosnaidhean ùra ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh
Thèid pìosan de na clàran a thogail ann an Gàradh Àranais ann an Leòdhas.
Thèid 350 cosnadh a chruthachadh ann an Leòdhas agus Fìofa le dà chùmhnant ùr airson clàran-ola a thèid a chur an Iar air Sealtainn.
Thèid na h-obraichean a chruthachadh leis a' chompanaidh BiFab, a bhios a' dealbhachadh uidheamachd airson gnìomhachas a' chumhachd.
Bidh a' mhor-chuid de na cosnaidhean ann am Fìobha, ach thèid feadhainn cuideachd a chruthachadh aig Garadh Àranais, ann an Leòdhas.
Bidh na clàran-ola a thèid a dhèanamh, comasach air seasamh ann an uisge sa bheil 135 meatar de dhoimhneachd.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh