Ceist mu sgiobaidhean teasairginn nam beann

Ionad striùiridh sgioba teasairginn nam beann
Image caption Tha draghan ann gun tèid eòlas ionadail a chall.

Tha sgiobaidhean teasairginn nam beann draghail mu dè dh'fhaodadh tachairt dhan t-seirbheis nuair a thèid feachdan poilis na h-Alba a chur còmhla.

Tha eagal orra gun tèid eòlas-ionadail a chall, 's iad an-dràsta a' bruidhinn ris na poilis agus ri Riaghaltas na h-Alba mun chùis.

Chaidh còrr's 's coig ceud gairm èiginnn a fhreagairt an Alba an-uiridh ga chomharrachadh mar thè dhe na bliadhnaichean as trainge a tha air a bhith aca.

Ach tha ceistean ann mu ciamar a thèid an t-seirbheis a làimhseachadh fo aon fheachd poilis.

Dragh

An-dràsta nuair chuireas cuideigin fios air na poilis gu bheil iad ann an duilgheadas anns na beanntan, thèid sin a fhreagairt an ceann a deas na dùthcha.

An uairsin tha am fiosrachadh a' dol do na phoilis san sgìre anns a bheil iad agus cuiridh iadsan fios air an sgioba teasairginn as fhaisge air làimh.

Ach le aon fheachd poilis ga stèidheachadh an Alba an ath bhliadhna, tha dragh air na buidhnean teasairginn mun bhuaidh a bheir sin air an obair acasan san àm ri teachd.

Thuirt Cathraiche Comataidh Teasairginn nam Beann ann an Alba, Seonachan Hart nach eil dùil aca gum bi an suidheachadh sin air atharrachadh san aithghearrachd.

"Ach fhad 's a bhios na poileis a' coimhead air adhart, a thaobh caite am b'urrainn dhaibh airgead a shàbhaladh", thuirt e

"far am b'urrainn dhaibh piseach a thoirt air an t-seirbheis aca, agus ciamar a dh'atharraicheas iad na h-ionadan fòn aca agus siostaman gairm,

"Sin far a bheil feum aig sgiobaidhean teasairginn nam beann ann an Alba air tòrr conaltraidh ris na poileis, luchd-smàlaidh, maoir-chladaich agus seirbheis nan carbadan eiridinn,

"airson dèanamh cinnteach gur e na daoine air a bheilear a' dèanamh cobhair air beanntan na h-Alba a tha a' faighinn prìomhachais.

Moiteil

Image caption Tha 27 sgioba teasairginn nam beann ann an Alba.

Chaidh Shaun Roberts fhastadh airson bliadhna gus na draghan sin agus beachdan nam buidhnean a chur an cèill do na phoilis agus dhan Riaghaltas.

Le seirbheis poilis ùr, tha dragh airsan gun tèid fiosrachadh, eòlas ionadail agus ùine a chall.

"Tha na sgiobaidhean eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba, mar sin tha fèin-aithne làidir ionadal aig a h-uile sgioba, fèin-aithne às a bheil iad moiteil.

"Tha mi an dòchas, son an àm ri teachd, gun lean sin, agus toir sin na feartan seo air adhart gu ìre nàiseanta.

"Ach cuideachd gum bi tuigse aig na poilis agus na seirbheisean smàlaidh ciamar a làimhseachas iad sin.

Bidh 27 s sgioba fhathast, ach le aon fheachd poilis an Alba.

Tha fhios gum bi iad ag amas air airgead a chùmhnadh, mar sin an tig lùghdachadh air an t-suim airgid a tha na buidhnean teasairginn a' faighinn?

Agus ma thig dè bhuaidh a bheir sin air trèanadh nan sgiobaidhean agus an uidheamachd air a bheil iad feumach?

Thuirt fear-labhairt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air cha mhòr £340,000 a thoirt seachad do na buidhnean teasairginn am bliadhna.

Ach chan eil gealltanas sam bith ann aig an ìre-sa mu dè thachras a-thaobh maoineachaidh an ath bhliadhna, neo gu dearbh san àm ri teachd.