Tòrr iarrtasan son tuathan-gaoithe
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Streap na h-Alba ag ràdh gu bheil beanntan prìseil na dùthcha ann an cunnart bho iarrtasan dealbhaichaidh son thuathan-gaoithe.
Tha a' bhuidheann a tha a' riochdachadh luchd-streap is coiseachd ag ràdh gu bheil na iarrtasan air a bhith "a' taomadh" a-steach bho chionn ghoirid.
A-rèir na buidhne tha luchd-leasachaidh air planaichean airson sia pròiseactan mòra a chur air adhart taobh a-staigh dìreach cola-deug air a' mhìos seo.
Tha dragh air a' bhuidhinn gun cuireadh na planaichean suas ri 235 crann-gaoithe suas air talamh a tha gu ìre mhor às aonais leasachaidh sam bith.
Thuirt Àrd-oifigear na buidhne, Daibhidh Gibson gu bheil roinnean dealbhachaidh aig na h-ùghdarrasan ionadail a' dol fodha leis an àireimh de dh'iarrtasan bho chionn ghoirid.
Dh'iarr e cuideachd gun rachadh riaghaitlean ùra a chur an gnìomh a chumas smachd air na sgìrean far am biodh leasaichean den t-seòrsa seo ceadaichte.