£48,000 do dh'ionad Fàs Mòr

Gheibh ionad cùraim chloinne ann an Slèite san Eilean Sgitheanach maoineachadh airson trì bliadhna bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tha Fàs Mòr a' faighinn £48,000 bhon bhuidhinn.

Tha an t-ionad air àrainn colaiste na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, agus e ag obrachadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha 81 duine cloinne clàraichte aig an ionad.

"Tha an t-airgead a' ciallachadh gum bi sinn fosgailte airson trì bliadhna eile," thuirt manaidsear an ionaid, Lisa Corse.

"Agus tha e a' ciallachadh gum faigh a' chlann cothroman a bhith a' bruidhinn agus a' cluinntinn na Gàidhlig.

"Agus cuideachd tha sinn a' toirt misneachadh agus fileantas do chloinn, agus misneachadh do phàrantan aig nach eil Gàidhlig," thuirt i.