Sgoil ùr MhicNeacail crìochnaichte

Sgòil ùr MhicNeacail Image copyright Comhairle nan Eilean Siar

Tha sgoil ùr MhicNeacail ann an Steòrnabhagh a-nise air a crìochnachadh.

Chaidh na h-iuchraichean air an toirt seachad an diugh dhan chompanaidh phrìbheitich a bhios a' coimhead às a dèidh fad 27 bliadhna ri teachd.

Bidh an sgoil, anns am bidh 1,100 sgoilear a' fosgladh mar a bhathar an dùil ann am meadhean na h-ath mhìos.

Chosg an sgoil ùr £55m agus 's i Sgoil MhicNeacail an tè as motha anns na h-eileanan siar.

Chaidh an t-seann sgoil a leagal son pàirc chàraichean agus raon spòrs a thogail.

Fosglaidh an goireas ùr 16mh den Lùnastal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo