Clach mhìle do sgoil Bhonnington
- Air fhoillseachadh

B'e Dimàirt an t-seachdain seo an ceann-là airson chompanaidhean a tha a' tairsge son na h-obrach leasachaidh, luach £3.5m, air Bun-sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann.
Chaidh dàil air a' phròiseas nuair a dh'èirich cosgaisean leis gun robh togalach seann Sgoil Bhonnington air crìonadh fhad 's a bha i falamh.
Ach tha dùil a-nis gun tòisich obair air an ath-mhìos, agus gum bi an sgoil fosgailte an ceann bliadhna.
Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith ga thoirt seachad ann am Bun-sgoil Chrois na Cìse thuige seo, ach tha i làn, agus chuir Comhairle Baile Dhùn Èideann romhpa seann Sgoil Bhonnington a leasachadh na Sgoil Ghàidhlig fa-leth.
Deich bliadhna
Tha gu bheil an gnothach air an ìre a ruighinn far a bheileas a' fastadh companaidh airson na h-obrach na adhbhar misneachd don fheadhainn a bha a' strì o chionn ùine fhada airson sgoil Ghàidhlig fa-leth fhaighinn ann an Dùn Èideann.
"Tha e math gu bheil ceumannan a' gluasad air adhart agus gu bheil teaghlaichean a' faicinn cinn-ùidhe aig deireadh na h-iomairt a-niste," thuirt Iain MacLeòid, a th' air a bhith gu mòr an sàs anns an iomairt.
"Tha obair-càraidh air a bhith a' dol air adhart sa bhliadhna a dh'fhalbh co-dhiù, agus mar sin chan eil aca ach dìreach cùmhnantaiche a lorg a ghabhas thairis an obair, a bhios a rèir a' bhuidseit a th' aca agus tha mi cinnteach gur e sin an duilgheadas, gum bi cùmhnantaichean ann a bhios deònach seo a ghabhail thairis agus a bhios comasach air obair a thoirt gu buil leis a' cheann-ùidhe a th' aca.
"Bheir e misneachd dha foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann.
"Bha an iomairt a' dol air adhart co-dhiù deich bliadhna, agus tha Sgoil Chrois na Cìse air a thighinn gu ìre far a bheil i loma-làn.
"Agus tha mi a' smaoineachadh, an ath-bhliadhna, gum biodh co-dhiù 160 leanabh an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, sin aig ìre bhun-sgoile agus sgoil-àraich.
"Tha e uabhasach misneachail dha coimhearsnachd Dhùn Èideann gu bheil seo a' dol air adhart, agus gum faic iad àite ceart, àite iomchaidh, sgoil shònraichte Ghàidhlig anns a' bhaile mhòr mu dheireadh thall.