Connspaid Chupa an t-Sutharlannaich

Bail' Ùr an t-Slèibh leis a' chupa.
Image caption Bhuannaich am Bail' Ùr 5-4.

Nochd connspaid mu chuairt dheireannach Chupa an t-Sutharlannaich is e air tighinn am bàrr nach robh còir aig fear de chluicheadaran Bhail' Ùr an t-Slèibhe a bhith air cluich sa gheama.

Bhuannaich am Bail' Ùr geama air leth 5-4 an aghaidh nan nàbaidhean aca, Ceann a' Ghiuthsaich, is dà thadal a' tighinn bho Chalum Stiùbhart.

Bha an Stiùbhartach mar thà ge-tà, air ochd geamaichean a chluich am bliadhna airson prìomh sgioba Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Chan eil e ceadaichte do chluicheadair a tha air barrachd na còig geamaichean a chluich sa phrìomh sgioba, pàirt a ghabhail anns a' chupa, a th' ann son dàrna sgiobaidhean.

Fo-riaghailt

Tha fo-riaghailt ann a tha a' ciallachadh nach toireadh an lagh seo buaidh air cluicheadar a tha nas òige na 17 aig toiseach na bliadhna - ach bha Calum Stiùbhart 17 mar thà an uair sin.

Dh'aidich Bail' Ùr an t-Slèibh gun robh Calum Stiùbhart air cus gheamaichean a chluich dhan phrìomh sgioba, ach thuirt iad gur ann a bha iadsan a' creidsinn nach robh an lagh a' bualadh air cluicheadar a bha nas òige na 18 aig toiseach na bliadhna.

A bharrachd air nach robh còir aig an Stiùbhartach a bhith cluich sa chuairt dheireannaich, tha e coltach nach robh cead aige cluich san iar-chuairt dheireannaich nas motha.

Bhuannaich am Bail' Ùr an geama sin 4-1 an aghaidh Ghlinn Urchadain agus an Stiùbhartach le dà thadhal.

Fo Riaghailtean Chomann na Camanachd thèid càin £25 air sgioba sam bith a bhriseas an lagh seo is caillidh iad an geama sa bhad.

Sgrùdadh

Dhearbh an comann gu bheil iad a' sgrùdadh a' ghnothaich.

Thuirt iad nan rachadh a dhearbhadh gun do chluich cluicheadar nuair nach robh còir aige, gum faodadh gun rachadh an sgioba aige a chur às an fharpais.

Bhiodh sin a' ciallachadh gun rachadh an cupa gu Ceann a' Ghiuthsaich, ach leis gu bheil ceist mun iar-chuairt dheireannaich cuideachd, dh'fhaodadh fhathast gun tig Gleann Urchadain air ais dhan fharpais is gun cluich iadsan an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich airson a' chupa.

'S e suidheachadh tàmailteach a th' ann dhan spòrs às dèidh gheama shònraichte a chaidh a chraoladh beò air an telebhisean.

A bharrachd air ceistean a thogail mun tuigse aig clubaichean air na riaghailtean, bidh cuid cuideachd a' ceasnachadh ciamar a chaidh an suidheachadh air adhart chun na h-ìre seo gun Comann na Camanachd fhèin a bhith air mothachadh.