Dùil ri tuilleadh obrach aig Gàrradh Àranais an Leòdhas

Gàrradh Àranais
Image caption Dh'ainmich BiFab cùmhnantan ùra a fhuair iad an t-seachdain seo.

Tha dùil aig Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar ri tuilleadh chùmhnantan son Gàrradh Àranais anns na mìosan ri teachd.

Bha Tormod Dòmhnallach a' bruidhinn 's e a' cur fàilte air an naidheachd gun dùblaich na tha de luchd-obrach aig a' ghàrradh anns na mìosan a tha romhainn, is a' chompanaidh BiFab a' foillseachadh £350 cosnadh ùr ann an Alba.

Fhuair a' chompanaidh dà chùmhnant mòr airson clàran-ola a dhèanamh, a thèid a chur sa mhuir an iar air Sealtainn.

Bidh na clàran comasach air seasamh ann an 135 meatar de dhoimhnead uisge, ann an sgìre a thathas a' siubhail airson leudachadh a thoirt iar gnìomhachas na h-ola.

Thèid a' chuid as motha den obair a dhèanamh aig gàrradh eile na companaidh aig an Eilean Loisgte ann am Fìobha, ach thèid cuid dhith a dhèanamh ann an Leòdhas.

"Tha seo a' sealltainn an ullachaidh a chaidh a dhèanamh airson gum biodh e comasach dha BiFab obair den t-seòrsa seo a thoirt a dh'Àranais," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Tha sinn a' faicinn torradh air sin a-nis.

"Ach tha sinn a' smaoineachadh gum bi barrachd is barrachd de dh'obair a' tighinn a dh'Àranais anns na mìosan 's na bliadhnaichean a tha romhainn.

"Gu h-àraid a thaobh cumhachd ath-nuadhachail, agus cumhachd ath-nuadhachail aig muir cuideachd," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile