Buannachd à ceannach coimhearsnachd

Fearann
Image caption Bha an rannsachadh mar phàirt de sgrùdadh còig bliadhna air an stòras coimhearsnachd.

Tha coimhearsnachdan ann an Alba air buannachdan mòra fhaighinn bho bhith a' gabhail seilbh air fearann agus gnìomhachasan, a rèir rannsachaidh ùir.

Rinn Maoin Mhòr a' Chrannchuir Nàiseanta sgrùdadh air an stòras coimhearsnachd aca agus tha iad ag ràdh gun deach 475 cosnadh a chruthachadh no a shàbhaladh agus gu bheil 32,000 duine a' dèanamh feum de ghoireasan coimhearsnachd.

Tha an rannsachadh cuideachd a' sealltainn gu bheil beatha shòisealta dhaoine sna sgìrean sin a' fàs nas fheàrr.

Bha an sgrùdadh mar phàirt de rannsachadh còig bliadhna air an stòras coimhearsnachd.

Thuirt Stiùiriche Albannach na Maoin gun tug a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan eisimpleir do choimhearsnachdan eile an Alba nuair a thàinig e gu bhith a' gabhail seilbh air goireasan coimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile