Buaidh Achd an Fhoghlaim 1872 ga rannsachadh

Dealbh de chloinn sgoile Image copyright Hebridean Archives
Image caption Thugadh an tabhs do chloinn a bhruidhneadh Gàidhlig san sgoil, a-steach don 20mh Linn.

Thèid buaidh Achd Foghlaim na h-Alba 1872 air a' Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal a rannsachadh le luchd-acadaimeagach.

Dh'fhàg an t-Achd gun robh foghlam-sgoile riatannach do gach pàiste ann an Alba, ach cha robh iomradh sam bith innte air a' Ghàidhlig.

Ri linn sin, cha robh an cànan air a teagasg gu ìre mhòir sam bith, agus cha mhotha a bha i na meadhan ionnsachaidh.

Thathas a' coimhead ris an Achd mar bhuile mòr don chànan.

Còrr is 100 bliadhna

Cumar co-labhairt ann am Bun-sgoil Bhaile a' Mhanaich ann am Beinn nam Fadhla, air 25mh an Lùnastal a bhios a' coimhead ris a' chuspair.

Thèid a' cho-labhairt a chumail leis a' bhuidhinn Tasglann nan Eilean Siar.

Am measg na bhios a' bruidhinn aig a' cho-labhairt bidh Mata MacÌomhair, a th' air a bhith an sàs ann an saoghal foghlaim na Gàidhlig o chionn iomadh bliadhna.

Bidh cuideachd an Dr. Ealasaid NicRisnidh, à Dòrnach, a tha na h-eòlaiche air foghlam anns an 18mh agus an 19mh Linn ann an Alba.

Cron air a' Ghàidhlig

Bruidhnidh cuideachd Uilleam Dòmhnallach, bho Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.

Coimheadaidh an triùir air na chaidh de chron a dhèanamh air a' Ghàidhlig mar chànan làitheil agus dachaigheil na Gàidhealtachd 's nan Eilean ri linn na h-Achd, agus cho soirbheachail 's a tha oidhirpean gus cur an aghaidh na buaidhe sin air a bhith.

Mus do chuireadh an t-Achd an gnìomh, bha ùghdarrasan foghlaim na h-Alba a' cur an aghaidh na Gàidhlig, agus a' brosnachadh luchd-labhairt òg a bhith a' toirt prìomhachais do bhith a' fàs fileanta sa Bheurla.

Ged a bha sgoiltean a stèidhich an Society in Scotland for the Propagation of Christian Knowledge (SSPCK) - a chaidh a bhonntachadh ann an 1709 - a' teagasg anns a' Ghàidhlig ann an sgìrean far an do bhruidhneadh an cànan, 's ann a bha iad ag amas air tuigse a thoirt don chloinn ann an cànan a thuigeadh iad, 's an uair sin toirt orra an cùl a chur rithe.

Às dèidh sin ge-tà, dh'innis e do luchd-teagaisg casg a chur air cleachdadh na Gàidhlig ann an sgoiltean agus anns an raon-chluiche.

Tabhs son Gàidhlig a bhruidhinn

Às dèidh mar a chuireadh an t-Achd an sàs ann an 1872, bheirte an tabhs do chloinn a chaidh a ghlacadh 's iad a' bruidhinn na Gàidhlig san sgoil.

Mur a dh'innseadh iad ro dheireadh an là-sgoile cò ris an robh iad a' bruidhinn na Gàidhlig - gus an deadh am bualadhsan cuideachd - gheibheadh iad an tabhs an dàrna turas.

Lean an cleachdadh sin a-steach don 20mh Linn.

Ann an 1918, thàinig Achd Foghlaim eile a-steach, a thug na h-uidhir de dh'inbhe don Ghàidhlig, agus a chuidich a thaobh a bhith ag atharrachadh mar a bha daoine ga faicinn.

Chuir e dleastanas air ùghdarrasan ann an sgìrean Gàidhealach "sòlarachadh math gu leòr" a chur air dòigh a thaobh na Gàidhlig ann an sgoiltean.

'S ann às an Achd sin a thàinig Sgeama Foghlaim Gàidhlig Siorrachd Inbhir Nis, agus Pròiseact Foghlaim Dà-chànanach nan Eilean Siar.

Cha b' ann gus na 1980an - còrr is 100 bliadhna bho Achd an Fhoghlaim - a thugadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a-steach mar roghainn ann an cuid de sgoiltean na h-Alba.

Cumar a' cho-labhairt anns a' Ghàidhlig agus sa Bheurla, le eadar-theangachadh beò ann do luchd na Beurla.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile