Rest and Be Thankful dùinte a-rithist
- Air fhoillseachadh

Chuir sgioba de luchd-einnsiniridh an oidhche seachad a' feuchainn ri tunnaichean de thalamh agus de chlachan a thoirt far rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful, às dèidh mhaoim-slèibhe eile.
Chan eil fios cuin a dh'fhosglas an rathad a-rithist, agus Ball-Pàrlamaid na sgìre am measg na tha air draghan a thogail.
Dh'innis Transerv gun tàinig còrr is 300 tunna de chreig a-nuas air an rathad Diciadain, ga dhùnadh do thrafaig a-rithist.
Bha luchd-einnsinnidh ag obair tron oidhche ann an oidhirp an sprùilleach a ghluasad far an rathaid, ach chan eil e follaiseach cuin a dh'fhosglas an rathad a-rithist.
San eadar-ama feumaidh dràibhearan slighe eile a ghabhail tron Chrìon Làraich a chuireas 50 mìle ris an turas aca.
Thuirt Ailean Reid BP, gur e fìor dhroch naidheachd a tha seo, gu h-àraid ann am meadhan seusan na turasachd.
Thuirt e gun robh gealltanas ann slighe èiginn a stèidheachadh ri taobh an A83 aig an Rest and Be Thankful - is gur e briseadh dùil a th' ann nach deach sin a dhèanamh fhathast.