Factaraidh Mhachaire Shànais le SSE
- Published
image copyrightPA
Ghabh a' chompanaidh Scottish and Southern Energy (SSE) thairis factaraidh nan crann-gaoithe aig Machaire Shànais ann an Earra-Ghàidheal.
Buinidh 80% de dh'earrainnean Wind Towers Eta do SSE a-nis.
Tha mu 100 duine ag obair aig an fhactaraidh.
Cheannaich Wind Towers Eta - a bha na cho-bhanntachd eadar SSE agus Marsh Wind Technology - an fhactaraidh an-uiridh, goirid às dèidh dhan chompanaidh Dhànaich Skykon leis an robh i a dhol ann an rianachd.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh