Criutha Fraingeach "air leth fortannach"

An soitheach bun-os-cionn Image copyright other
Image caption Cha robh ùine aig an sgioba brath èiginn a chur a-mach.

Thuirt na Maoir-chladaich gun robh sgioba Fraingeach air leth fortannach faighinn gu sàbhailteachd às dèidh mar a chuir an catamaran air an robh iad car dhith san fhairge faisg air an Eilean Sgitheanach oidhche Chiadain.

Bha seachdnar air bòrd agus chaidh aca air greimeachadh ris an t-slige gus an do rinn bàta-teasairginn Mhalaig cobhair orra.

Cha robh ùine aca brath èiginn a chur a-mach, ach fhuair na Maoir-chladaich teachdaireachd tro inneal rabhaidh a bh' air bòrd.

Thachair an tubaist mu 9:00f Diciadain.

Cha deach duine den chriutha a ghoirteachadh, agus chuir iad uile an oidhche seachad aig Misean nan Iasgairean ann am Malaig.

Chaidh an soitheach, a tha 52tr de dh'fhaid, a shlaodadh chun an Eilein Sgitheanaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile