A83 fosgailte às dèidh maoim-slèibhe
- Published
image copyrightother
Dhearbh Transport Scotland gun deach an A83 fhosgladh a-rithist oidhche haoine às dèidh dha maoim-slèibhe an rathad a dhùnadh oidhche Chiadain.
Thuit còrr air mìle tunna thalmhainn air an rathad aig an Rest and Be Thankful às dèidh uisge throm Diciadain.
Thàinig grunn mhaoimtean-slèibhe às dèidh na ciad tè.
'S e an còigeamh turas ann an còig bliadhna a tha an rathad air a bhith dùinte aig an Rest and Be Thankful ri linn mhaoimtean-slèibhe.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 2 An Lùnastal 2012