Trioblaid nan gèadh ga h-aithneachadh

Published
image captionTha gearainnean air a bhith ann o chionn fhada mun chron a tha na geòidh a' dèanamh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad ag aithneachadh nan duilgheadasan a th' aig croitearan agus tuathanaich le geòidh.

Tha dragh mòr dha-rìribh ann mun mhilleadh a tha na h-eòin a' dèanamh air talamh àitich.

Tha Aonadh nan Tuathanach (NFU) ag iarraidh air an Riaghaltas poileasaidhean ùra a dhealbh a nì cothromachadh eadar glèidhteachas, agus beo-shlàint nan daoine a tha ag obrachadh an fhearainn.

Tha geòidh air milleadh mòr a dhèanamh ann an Uibhist agus ann an Ìle gu h-àraid, far a bheil iad ag ithe 's a' gànnrachadh an fheòir 's an arbhair, a' farpais ri stoc airson biadh fhaighinn, agus fiù 's a' togail bhuntàta ri ithe.

Grunn Roghainnean

Choinnich riochdairean an NFU ri Ministear na h-Àrainneachd, Stiùbhart Stevenson, aig Fèill Àiteachais an Eilein Duibh.

Thuirt esan gun deadh beachdachadh air na freagairtean ceart dhan t-suidheachadh.

Ach, bhiodh e cearr, thuirt e, cur às do dh'obair ghlèidhteachais a th' air a bhith gu math soirbheachail.

"Thug sinn na deugachadh bhliadhnaichean a' toirt togail àireimh do chuid de ghnèithean geòidh a tha gu math tearc," thuirt e.

"Bhiodh e gu tur neo-iomachaidh a bhith a' cur car air an obair mhath sin.

"Agus chan eil an NFU, a bhith cothromach dhaibh, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil iad ag iarraidh sin.

"Tha grunn roghainnean ann air an tèid beachdachadh nuair a shuidheas sinn sìos leis na h-eòlaichean anns an aithghearrachd.

"Tha mi a' smaointinn gum bu chòir do chroitearan agus tuathanaich a bhith air am misneachadh, gu bheil an Riaghaltas ag aithneachadh cho mòr 's a tha an trioblaid seo. Gheibh sinn air na freagartan ceart fhaighinn, ag obair ann an co-bhann leis an fheadhainn a choimheadas às dèidh an fhearainn againn," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh