Leudachadh air dachaigh-chùraim an t-Òib

Dachaigh-chùraim an t-Òib
Image caption Chan eil seirbeis faochaidh eadar-amail air a bhith ann o chionn ghoirid.

Tha planaichean ann airson leudachadh aig dachaigh-chùraim an t-Òib sna Hearadh.

Bheireadh tuilleadh rùm cothrom dhaibh cùram eadar-amail a thoirt do dh'euslaintich.

Bha iad a' toirt seachad na seirbheis sin gus an do sguir an taic-airgid air a shon.

Tha luchd-obrach na dachaigh agus riochdairean na coimhearsnachd ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air a' ghoireas san sgìre.

Cruaidh-fheum

Cha-mhòr nach eil 25 bliadhna ann bho chaidh an dachaigh-chùraim a thogail leis an Eaglais Shaoir Chlèirich.

An-diugh tha 16 duine a' fuireach ann làn-ùine.

"Tha sinn an dùil pìos a chur ris. Seòmar-cadail shuas an staidhre, agus àite stòraidh a-mach air a' chùl," thuirt Màiread NicLeòid, a tha ag obair ann.

"Tha sinn gann de dh'àite-stòraidh, àiteachan airson cathraichean-cuibhle 's rudan mar sin a chumail," thuirt i.

Chaidh prìs £150,000 a chur mu choinneimh an leasachaidh, agus tha iarrtas airson pàirt den airgead sin air a dhol gu maoin a tha leis a' Bhòrd Shlàinte mar thà.

Tha iarrtas làidir sa choimhearsnachd airson na seirbheis a tha an dachaigh-chùraim a' tabhainn.

"Tha mise a' smaointinn gu bheil cruaidh-fheum air a' ghoireas fhaochaidh," thuirt manaidsear na dachaigh-chùraim, Iseabail Chaimbeul.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil uallach mòr air luchd-cùraim - co-dhiù an iad buill-teaghlaich no luchd-cùraim dachaigh.

"Tha feadhainn air bàs fhaighinn sa choimhearsnachd o chionn ghoirid, agus ri linn sin chan eil na bha ann de chùram aig an taigh a' dol air adhart.

"Ach tha feadhainn ann fhathast a th' air fios a chur oirnn feuch a bheil cothrom air faochadh, agus aig an àm seo cha robh sinn an urrainn sin a thoirt dhaibh.

"Mar sin dheth tha sinn a' dealbh a rèir na tha daoine ag iarraidh oirnn," thuirt i.

Tha gu leòr sa choimhearsnachd ag aontachadh gu bheil cruaidh-fheum air a' ghoireas.

"Tha duine no dithis ann aig an àm seo à Leòdhas tha mi a' tuigsinn," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Taobh a Deas na Hearadh, Hamish Mac an Tàilleir.

"Agus tha sin fhèin a' dèanamh deilbh air cho beag 's a th' ann de dh'àiteachan den t-seòrsa seo.

"Tha cosgais na lùib, 's tha fhios againn gu bheil a' Chomhairle 's na Seirbheisean Sòisealta a' fàs gann de dh'airgead, agus tha tòrr de rudan mar sin a' bualadh air.

"Agus tha am feum air na h-àiteachan seo a' sìor fhàs, agus tha e doirbh fhaicinn ciamar a thèid cùisean air adhart leis cho gann 's a tha an t-seirbheis anns a h-uile àite a' fàs," thuirt e.