UHI ag amas air oileanaich a bharrachd

Iomhaigh Image copyright UHI
Image caption Tha UHI air iomhaighean a sgeadachadh ann an dathan an oilthigh.

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' cur iomairt air dòigh an t-seachdain seo, feuch oileanaich a bharrachd a thàladh.

'S ann gu sònraichte air daoine òga nach eil a' fuireach sa sgìre a thathar ag amas, agus stiùirichean na h-oilthigh den bheachd gum bi feadhainn à Glaschu, Dùn Èideann, Obar Dheathain agus Sruighlea airson tighinn dhan Ghàidhealtachd airson foghlam aig àrd ìre.

Bidh riochdairean bhon UHI anns na ceithir bailtean tron t-seachdain gus fiosrachadh a sgaoileadh mu na cùrsaichean a th'aca.

"Tha sinn son bualadh air na bailtean mòra shios deas ann an Alba", thuirt Cathraiche Cùirt Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, an t-Ard Ollamh Mata MacIomhair.

"Tha sinn a' smaoineachdainn gum feum sinn a-nise mar oilthigh ùr dèanamh cinnteach gu bheil an iomhaigh againn air àrdachadh agus gu bheil fios aig daoine gu bheil sinn eadar-dhealaichte", thuirt e.

Thèid samhlaidhean de dh'Albannaich ainmeil a chur gu feum is UHI air dealbhan a dhèanamh de dh'iomhaighean de Dhòmhnall Dewer, Raibeart Brus, Sir Walter Scott agus Denis Law, is iad air an sgeadachadh ann an dathan an oilthigh.

Cursaichean

Tha a' chuid-mhòr do dh'oilthighean na h-Alba ag ràdh gur e glè bheag do dh'àiteachan a th'air fhàgail am-bliadhna do sgoilearan a nì tagradh aig a' mhionaid mu dheireadh airson cursaichean oilthigh.

Chan e sin an suidheachadh a th'aig an UHI ge-tà.

Tha iad ag ràdh gu bheil na ceudan àiteachan aca fhathast, as-dèidh dhaibh airgead fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson faisg air mìle àite a bharrachd a chruthachadh do dh'oileanaich làn-ùine.

Chan fheum na h-oileanaich ùra air fad tighinn dhan Ghàidhealtachd ge-tà.

"Ged a tha sinn a' coimhead ri daoine òga, mar a tha a h-uile oilthigh, tha sinn airson is gun toir sinn fiosrachadh do dhaoine, gu h-àraidh inbhich, gu bheil cothrom aca ceum a ghabhail gun fàgail an taigh, agus ionnsachadh aig astar", thuirt Mgr MacIomhair.

Fhuair Oilthigh na Gàidhealtachd làn inbhe oilthigh sa Ghearran 2011.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile