Taigh Àrd an t-Sabhail ga mhilleadh

Taigh Àrd an t-Sabhail Image copyright Dave Ferguson

Chaidh fear de thaighean mòra na Gàidhealtachd a losgadh gu làr ann an teine oidhche Dhòmhnaich.

Chaidh na seirbheisean-eiginn a ghairm gu Taigh Àrd an t-Sabhail faisg air Gleann Eilg mu 23:30.

Thathas a' tuigsinn nach robh duine a' fuireach san taigh.

Thàinig luchd-smàlaidh bho Ghleann Eilg, Caol Loch Aillse agus Loch Carrann, ach cha deach aca air an togalach a ghlèidheadh.

Cha deach duine a ghoirteachadh agus thathas a-nise a' rannsachadh ciamar a thòisich an teine.

Chaidh Taigh Àrd an t-Sabhail a thogail anns an ochdamh linn deug son teaghlach MhicRath, as-dèidh mar a chaidh Caisteal Eilean Donan a mhilleadh.