Bàta-teasairginn làn-ùine don t-Òb

An Royal Thames Image copyright RNLI
Image caption Tha am bàta-teasairginn ùr a' tighinn à Eastbourne ann an Sussex.

Bidh bàta-teasairginn ùr ag obair anns an t-Òb a t-seachdain seo, trì mìosan às dèidh dhan t-seirbheis tòiseachadh.

'S e bàta eadar-amail a bha a' frithealadh na sgìre gu ruige seo, ach 's e an Royal Thames a bhios stèidhichte ann an ceann a deas na Hearadh bho seo a-mach.

"Am bàta a th' air a bhith againn o thoiseach, cha robh ann ach tè a thàinig airson treiseig gus am biodh am bàta a bha a' dol a thighinn an seo ullamh airson tighinn," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh, Hamish Mac an Tàilleir.

"Tha am bàta sin a-niste deiseil.

Deuchainn

"O thàinig i (am bàta eadar-amail) o chionn trì mìosan, tha i air a bhith air gairm còig tursan.

"'S i deuchainn a tha seo airson bliadhna air a' char as lugha, agus chan eil sin ach dìreach airson tìde a thoirt do luchd nam bàtaichean-teasairginn faicinn ciamar a tha an stèisean seo ag obair.

"Agus 's ann an-àirde ris a' mheasadh a nì iadsan, co-dhiù tha an stèisean a' dol a dh'fhuireach no nach eil.

"Chan eil mòran de ghnothaich againne ris ach an t-seirbheis a ruith cho math 's is urrainn dhuinn.

"Tha gu bheil i a-muigh còig tursan ann an trì mìosan ag innse sgeòil fhèin.

"Tha an criutha a' fàs gu math fileanta 's iad a' sìor fhàs eòlach, 's bidh iad a' sìor thogail sgilean 's a' sìor ionnsachadh.

"Tha an criutha gu math dleastanach anns an rud a tha iad a' dèanamh, agus tha sinn gu math misneachail às an t-suidheachadh mar a tha e, agus tha sinn a' faicinn a rèir choltais gu bheil dùil gun tèid e air adhart," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile