Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Croisean-rèile

Gheibh gach crois-rèile an Alba geataichean sàbhailteachd às dèidh sgeama pìolait ann an Siorrachd Àir. Thèid na geataichean sàbhailteachd a chur an àite anns a' Chorpaich, ann am Brùra, ann am Baile na h-Eaglaise ann an Goillspidh, agus ann an Dail Chaluim. Dh'innis Network Rail ge-tà gum bu chòir geataichean nas motha a bhith air an cur aig Hàcraig far an deach triùir à aon teaghlach a mharbhadh ann an 2009.

Toradh Dheuchainnean

Tha mu 160,000 sgoilear a' faighinn a-mach an-diugh mar a chaidh dhaibh nan deuchainnean, agus coltas ann gun deach an ìre de chloinn-sgoile a shoirbhich leotha aig àrd-ìre nas àirde na bha i riamh. Sheall figearan bhon SQA gun do shoirbhich le cha-mhòr 77% de thagraichean ann an deuchainnean aig àrd-ìre. Sin suas 2% o an-uiridh. 'S tha coltas gun deach na h-àireamhan suas aig ìre choitchinn, is aig sàr-àrd-ìre cuideachd.

Lifestyle

Tha Ionad Lifestyle ann an Steòrnabhagh a tha a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean dibhe agus dhrogaichean ann an staing ionmhais. Ged a tha iad a' faighinn taic bho bhuidhnean poblach, tha coltas ann gu bheil an t-ionmhas aca còrr is £50,000 nas lugha na bha dùil. Às dèidh dhuilgheadasan le iarrtas na bliadhna seo. Tha iad an dòchas taic as ùr fhaighinn as t-Earrach às an roinn phoblaich, ach tha feum aca air airgead eile a lorg airson an cumail a' dol chun an uair sin.

Standard Chartered

Tha earrainnean anns a' bhanca Bhreatannach Standard Chartered air tuiteam 20% às dèidh mar a chaidh iad às àicheadh gu làidir gun robh iad ag obair le Riaghaltas Ioran airson còrr is £160bn de ghnothaichean ionmhais a chleith. Thuirt Roinn Sheirbheisean Ionmhais Baile New York gun robh am banca air a bhith ag obair an aghaidh riaghailtean nan Stàitean Aonaichte, agus gun do dh'fhàg seo siostam ionmhais nan Stàitean ann an cunnart bho cheannaircich agus eile.

Nigeria

Chaidh 15 duine a mharbhadh ann an eaglais ann am meadhan Nigeria às dèidh ionnsaigh ghunna. Tha coltas gur i a' bhuidheann Ioslamach Boko Harem a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh. Tha a' bhuidheann mar thà air na ceudan de dhaoine a mharbhadh ann an eaglaisean na dùthcha.

Bholcàno

Tha bholcàno ann an New Zealand, a th' air a bhith na tàmh airson còrr is 100 bliadhna air spreadh. Tha Beinn Tongariro na pàirce nàiseanta, agus chaidh a cleachdadh san fhiolm The Lord of the Rings. A rèir eòlaichean cha robh dùil ri spreadh idir.

Tuath-Gaoithe

Tha a' bhuidheann a th' air cùlaibh phlanaichean gus tuath-gaoithe a thogail far a' chosta faisg air raon-goilf Dhòmhnaill Trump ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh na crainn a bhith nas motha. Tha Mgr Trump, a dh'fhosgail an raon aig Menie ann an Siorrachd Obar Dheathain air a' mhìos a chaidh, air obair-leasachaidh aig an raon a thoirt gu stad ri linn nam molaidhean ùra. Ann an aithris a sgaoil e chun nam meadhanan thuirt e gun seasadh e an aghaidh nam molaidhean às ùr a tha seo.