Seann chàraidean gus cluich a-rithist

Seumas Perlich is Tormod MacArtair Image copyright Comann na Camanachd
Image caption Thèid na sgiobaidhean aig Seumas Perlich is Tormod MacArtair an aghaidh a chèile Disathairne.

Coinnichidh dà de dh'fhuamhairean traidiseanta na h-iomain Disathairne is Caol Bhòid agus Bail' Ùr an t-Slèibh gus farpais son àite ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd.

Seo geama le àite sònraichte ann an eachdraidh na spòrs, stèidhichte air iomadh blàr eadar na sgiobaidhean tro na ginealaichean.

'B ann sna 1970'an a bha an gnothach aig àirde, agus Bail' Ùr an t-Slèibh is Caol Bhòid a' coinneachadh sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd 8 tursan eadar 1970 is 1980.

Tric ann an spòrs nuair a bhios dà sgioba a' farpais an aghaidh a chèile grunn thursan son duaisean mòra, bidh gnothaichean a' fàs biorrach is droch fhaireachdainn a' nochdadh.

Chan ann mar sin a bha e eadar muinntir Bhail' Ùr an t-Slèibh is Taigh na Bruaich ge-tà - is an dàimh eatarra stèidhichte gu ìre mhòir air urram agus spèis.

Grèim

Ghabh Ceann a' Ghiuthsaich grèim làidir air iomain tro na 80an - is na 90an gu sònraichte - agus Bail' Ùr an t-Slèibh agus Caol Bhòid gu h-àraidh a' tuiteam air falbh.

An-uiridh ge-tà, thill an seann chàirdeas le brag agus Caol Bhòid is Bail' Ùr an t-Slèibh a' cluich sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh agus a' strì son tiotal na Prìomh Lìge.

Bhuannaich balaich Chòmhghaill an cupa, dà thadhal bho Dhonnchadh MacIlle'Chiar is Ruairidh Dòmhnallach aig fìor dheireadh a' gheama son soirbheachadh 2-1.

Thàinig dìoghaltas a' Bhail' Ùir air an là mu dheireadh de sheusan na lìge is an dà sgioba a' cluich son an tiotail.

Bha cùisean cho faisg is gun tàinig an gnothach air fad sìos dhan t-slaic mu dheireadh den t-seusan - tadhal Danny MhicRath a' glèidheadh an tiotail dhan Bhail' Ùr is bristeadh-cridhe do Chaol Bhòid.

Mullach

Am bliadhna tha iad suas aig a' mhullach a-rithist.

Chrìochnaich iad 3-3 aig an Eilean tràth san t-seusan agus shoirbhich le Bail' Ùr an t-Slèibh 5-2 ann an Taigh na Bruaich bho chionn trì seachdainnean, dà thadhal anmoch sa gheama a' cur beagan de ghleans air a' ghnothach.

Tha dùil ri geama tarraingeach agus faisg Disathairne.

Chan eil Caol Bhòid air an duais as motha ann an iomain a bhuannachadh bho 1994 - rud eile a bhios na bhrosnachadh dhaibh.

"Abair geama mòr agus cha chreid mise gu bheil dad mòr sam bith eadar an dà sgioba," thuirt manaidsear sgioba Thaigh na Bruaich, Seumas Perlich.

"Tha eachdraidh mhòr eadarrainn agus tha mi a' smaointinn gum faicear na tha seo a' ciallachadh san t-sluagh a nochdas Disathairne, agus cho cruaidh sa bhios an dà sgioba a' feuchainn," thuirt e.

Feitheamh

Tha fios aig Bail' Ùr an t-Slèibh cò ris a tha e coltach a bhith a' feitheamh cho fada son an cupa a bhuannachadh - fhuair iadsan an-uiridh e son a' chiad turais bho 1986.

"Tha sinn air bhioran mun gheama is tha dùil againn ri geama faisg," arsa manaidsear a' Bhail' Ùir, Tormod 'Brick' MacArtair.

"S e faochadh mòr a bh' ann dhan bhaile againn air fad nuair a bhuannaich sinn Cupa na Camanachd an-uiridh agus a-nise tha sinn son a ghlèidheadh," thuirt e.

Tòisichidh an geama aig Pàirce Mossfield san Òban Disathairne aig 16:05 agus thèid a chraoladh beò air BBC ALBA.

'S iad Inbhir Aora a tha a' feitheamh sa chuairt dheireannaich, shoirbhich dhaibhsan 3-1 an aghaidh Chinn Loch Seile san iar-chuairt dheireannaich eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile