Obair eile do Ghàradh Àranais

Gàradh Àranais
Image caption Tha dùil gum bi còrr is 100 duine ag obair aig Gàradh Àranais a dh'aithghearr.

Tha a' chompanaidh BiFab air cùmhnant eile fhaighinn, luach £47m, airson obair togail do raon gas Cygnus ann an ceann a deas a' Chuain a Tuath.

Cruthaichidh seo mu 100 cosnadh ùr ann an gàraidhean togail Bifab ann am Fiofa.

Tha dùil gum faigh Gàradh Àranais ann an Leòdhas earrainn den obair, agus gun cùm seo mu 50 de luchd-obrach ann an cosnadh gu deireadh na h-ath bhliadhna.

Tha 25 ag obair sa ghàradh an-dràsta, agus tha dùil, le obair airson raon Solan a fhuair BiFab an t-seachdain seo chaidh, gun èirich sin gu 50.

Ach tha dòchas aig Gàradh Àranais gum faigh iad obair airson pòlaichean stàilinn do raon Solan a dh'fhaodadh àireamh an luchd-obrach àrdachadh gu còrr is 100.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile