Fearg ann an Àird nam Murchan

Cille Chòmhghain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Gheall NHS na Gàidhealtachd piseach a thoirt air an t-suidheachadh o chionn ghreis.

Thuirt ceannardan coimhearsnachd Àird nam Murchan gu bheil iad fiadhaich nach deach geallaidhean mu sheirbheis nurs na sgìre a choileanadh.

Tha dùil gun tadhail Rùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon, air an sgìre air an ath-mhìos.

Chaidh Ms Sturgeon an sàs anns an àimhreit mu sheirbheisean slàinte Àird nam Murchan, às dèidh don choimhearsnachd gearain rithe nach robh seirbheis nurs sgìreil, neo seirbheis eiridinn làn-ùine aca.

Gheall NHS na Gàidhealtachd agus Seirbheis Charabad Eiridinn na h-Alba piseach a thoirt air cùisean, ach tha muinntir an àite fhathast ag ràdh nach eil na seirbheisean a tha iad a' faighinn coileanta.

Tha dragh ann cuideachd gu bheil an dithis dhotairean teaghlaich a tha a' frithealadh na sgìre a' dol a dh'fhàgail aig deireadh an t-Sultain, agus nach deach lìghichean ùra a lorg a thèid nan àite.

Ann am brath naidheachd cha tug Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd iomradh air draghan mu sheirbheis nan nursaichean sgìreil, ach thuirt iad gum biodh dotairean locum a' frithealadh Àird nam Murchan gus an deadh fuasgladh maireannach fhaighinn.

Thuirt iad gun tèid an gnothach a dheasbad aig coinneimh le cathraichean chomhairlean coimhearsnachd Àird nam Murchan aig deireadh na mìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile