Margaid-sprèidh Roghairt air a reic aig rùp

Margaid-sprèidh Roghairt
Image caption Chaidh a' mhargaid a thòiseachadh anns na 1930an.

Chaidh margaid-sprèidh Roghairt, ann an Cataibh, a reic aig rùp an Inbhir Pheotharain madainn Diciadain airson £50,000.

Bhathas a' sireadh tòrr mòr nas motha na sin air an ionad, agus tairgsean de chòrr is £100,000 gan sireadh aig toiseach an rùp.

B' e buaidh a' ghalair roillich, riaghailtean ùra agus gu h-àraid crìonadh ann an croitearachd a chuir às dhan mhargaid, a chaidh a stèidheachadh bho chionn faisg air 80 bliadhna.

"Cho fad 's a tha fhios agamsa, bha a' chiad fhèill reic ann an seo ann an 1937, no 's dòcha '36, mun àm sin co-dhiù," thuirt Alasdair MacMhaoirn, a tha na chroitear san sgìre.

"Agus thàinig e a-mach à còmhraidhean a bh' ann eadar croitearan an àite a' smaoineachadh gum biodh e na b'fhasa dhaibh a bhith a' reic a' chruidh 's nan caorach aca ann an seo an àite a bhith a' siubhail gu Luirg.

Tìm

"Chaidh a h-uile càil a chur air dòigh, agus chaidh fèill reic a chumail, agus chùm sin a' dol cha-mhòr suas dhan là an-diugh.

"Chaidh spuaig a chur air an rud às dèidh dhan ghalar roilleach tighinn dhan dùthaich, agus leis na riaghailtean a thàinig a-steach an uair sin cha deach gnothaichean a chur air dòigh às dèidh làimhe.

"Cha ghabhadh e cumail a' dol mar mhargaidh idir idir a thaobh àireamhan bheathaichean a th' ann.

Image copyright George Murray
Image caption Bha a' mhargaid uair aig cridhe coimhearsnachd na sgìre.

"Chan e dìreach àireamhan chaorach a tha a' dol air ais, ach crodh a bharrachd.

"Agus tha croitearachd san fharsainneachd a' dol air ais.

"Tha cuid againn a' cumail a' dol coltach rium fhìn 's dòcha airson biadh glan falainn a bhith aig an teaghlach, ach a thaobh teachd-a-steach, glè ghlè bheag ma bhios dad sam bith air fhàgail ann," thuirt e.