Luchd-reic dhrogaicean gan diteadh

Drogaichean
Image caption Bha luach nan deichean mhìltean notaichean anns na drogaichean a fhuaireas.

Chuir Poilis Roinn a' Mhonaidh fàilte air binn-prìosain do dhithis a bha an sàs ann a bhith a' reic dhrogaichean ann an ceann a tuath na h-Alba.

Chaidh binn ceithir bliadhna sa phrìosan a thoirt do Louis Butler, a tha 25, agus binn de cheithir bliadhna 's ochd mìosan do Lawrence Mitchell a tha 27.

Chaidh an glacadh leis na drogaichean nuair a rinn na poilis rèid air pàirce charabhanaichean Bhurnside ann am Fachabair sa Mhàrt am bliadhna.

Bha heroin agus canaib am measg na fhuair iad, 's an dithis air a bhith an dùil a reic air a' Ghàidhealtachd, ann an sgìre Mhoireibh agus ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Dh'fheuch Mitchell ri teicheadh bho na poilis, agus e a' dràibheadh aig 130 mìle san uair air an A9 faisg air an Aghaidh Mhòir.

B' fheudar dhaibh na tàidhrichean aige a spreadhadh airson toirt air stad.

San Àrd-Chùirt ann an Glaschu, dh'aidich an dithis fhireannach gun robh iad an sàs ann a bhith a' reic heroin, agus dh'aidich Mitchell cuideachd ri casaid dràibheadh gu mì-chùramach.

"Cron mòr"

Thuirt Poilis Roinn a' Mhonaidh gum faodadh na drogaichean a bhith air cron mòr a dhèanamh ann an coimhearsnachdan a' chinn a tuath, mur a biodh iad air an dithis a ghlacadh.

Gheall iad cuideachd gun leanadh an iomairt aca an aghaidh bhuidhnean eucorra eagraichte a tha an sàs ann am malairt dhrogaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile