Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Eaconamaidh

Tha Banca Shasainn den bheachd a-nis gum fuirich an eaconamaidh mar a tha i airson a' chòrr den bhliadhna air sgàth crìonaidh nas miosa na bha dùil agus staing Sòn an Euro. Bha iad ron a seo a' smaoineachadh gum biodh fàs de 0.8% ann.

Tuath-gaoithe na Pàirce

Chuir RSPB na h-Alba fàilte air an naidheachd agu bheil Scottish and Southern a' leigeil às am planaichean airson tuath-gaoithe le 26 crann anns a' Phàirc ann an Leòdhas. Thuirt iad gun do cho-dhùin an luchd-leasachaidh gum biodh an tuath-gaoithe ro chunnartach airson eòin.

An Èipheit

Tha feachdan na h-Èipheit an dèidh rocaidean a losgadh air reubaltaich ann an Rubha Sinai, agus chaidh aithris gun do mharbh iad suas ri 20 duine, chaidh 16 freacadairean-crìche a mharbhadh anns an sgìre Là na Sàbaid.

Sgioba Bhreatainn

Tha Sgioba Bhreatainn an dèidh 48 bonn a bhuannachadh aig na Geamannan Oilimpigeach. Tha barrachd an sin na choisinn iad ann am Beijing bho chionn ceithir bliadhna, agus tha còig là fhathast ri dhol. 'S e Sir Chris Hoy am Breatannach as soirbheachaile riamh aig Geamannan Oilimpigeach a-nis, às dèidh mar a fhuair e bonn òir anns a' Kheirin an-dè. Tha sia buinn òra aig Sir Chris Hoy a-nis.

Bucas-puist

Chaidh bucas-puist a chaidh a pheantadh òr ann an Sheffield airson comharrachadh gun do bhuannaich Jessica Ennis òr anns an Heptathlon a pheantadh a-rithist às dèidh mar a chaidh a mhilleadh. Chaidh graffiti a chur air.

Siria

Nochd aithrisean gu bheil sabaid mhòr a' dol an-diugh ann an Aleppo ann an Siria. Tha tancaichean le Arm Shiria an dèidh a dhol a-steach a sgìre far a bheil làmh an uachdair an dèidh a bhith aig na Reubaltaich. Tha Amnesty Eadar-nàiseanta draghail dha-rìribh mu na tha a' tachairt do shìobhaltaich ann an Aleppo, is deilbh a nochdadh a chaidh a thogail às na speuran a' sealltainn còrr air 600 sloc san talamh. Tha dùil gur e sligean bho ghunnaichean mòra a rinn na slocan agus tha cuid aca gu math faisg air àiteachan far a bheil daoine a' fuireach.