Soillearachadh a dhìth anns a' Phàirc

Crann-gaoithe
Image caption Thuirt SSE nach eil ùidh aca ann a bhith a' togail tuath-gaoithe nas lugha air an làraich, ged a ghabhadh sin dèanamh nam beachdsan.

Tha muinntir Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas ag iarraidh fiosrachaidh shoilleir air na bhios an naidheachd gu bheil a' chompanaidh dealain Scottish and Southern Energy (SSE) a' tarraing a-mach à leasachadh tuath-gaoithe san sgìre a' ciallachadh dhaibhsan.

Tha SSE ag ràdh gun tèid iad air adhart le stèisean dealain ann an Grabhair mar a bha dùil.

Ach tha iad ag ràdh gu bheil iad a' bruidhinn ri luchd-leasachaidh ionadail airson còirichean leasachaidh a thoirt dhaibh.

Tha muinntir na Pàirce gus coinneachadh oidhche Ardaoin agus ceist ann ciamar a ghabhas còirichean leasachaidh na h-oighreachd a ghluasad bho bhuidhinn gu buidhinn, agus Cùirt an t-Seisein fhathast a' beachdachadh am faod na croitearan an oighreachd a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.

Tha SSE ag ràdh nach gabh an tuath-gaoithe le 26 crann a bha iadsan ag iarraidh a thogail, o chionn 's gum biodh e na chunnart do dh'eunlaith agus nach eil ùidh acasan ann a bhith a' togail tuath nas lugha.

Tha amharas ann gu bheil iad a' bruidhinn ri luchd-leasachaidh tuath-gaoithe Ìsginn mu na còirichean leasachaidh a ghabhail thairis, ged nach eil cinnt ann mu dheidhinn sin.

Bhiodh sin a' fàgail ceist mu na cothroman leasachaidh a bhiodh aig na croitearan nam faodadh iad an oighreachd a cheannach.

Agus tha ceist ann cuideachd càite a bheil sin a' fàgail uachdaran oighreachd na Pàirce, Barry Lomas, mur a tèid an tuath-gaoithe mòr air adhart, agus ma 's i buidheann leasachaidh eile a thogas e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile