Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Lùnasdal 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gu Kailai

Cha tug a' chùis-lagha aig bean fhir-phoileataigs Shìonaich a tha fo chasaid gun do mhuirt i fear-gnothaich à Breatainn ach là. Tha Gu Kailai fo chasaid gun do mharbh i Neil Haywood agus iad an dèidh a dhol a-mach air a chèile mu dheidhinn airgid. Tha a' chùis air trioblaidean mòra adhbharachadh dha duine aice, Bo Xilai, agus am Partaidh Comunach. Chan eil fhios cuin a thig breith.

Bhietnam

Tha Aimeireaga an dèidh tòiseachadh air obair glanaidh ann am Bhietnam, 's iad a' feuchainn ri cuidhteas fhaighinn de stuthan ceimigeach a sgaoil iad anns na coilltean tron chogadh an sin. Chaidh puinnsean bho Agent Orange sìos dhan talamh agus tha e an dèidh a bhith air a cheangail ri mòran thrioblaidean slàinte.

Pàirtean Cuirp

Dhearbh an MOD gun do chùm iad pàirtean cuirp le saighdearan a chaidh a mharbhadh ann an Afganastan agus nach robh fios aig na teaghlaichean aca mu dheidhinn. Thuirt oifigearan gu bheil e riatanach aig amannan fianais forenseach a chumail. Tha an MOD a-nis a' cur fios gu teaghlaichean.

Rathad an t-Sròim

Tha Iain Fearchair Rothach, a bha na Bhall-Pàrlamaid Albannach, ag ràdh gum bu chòir cabhsair no drochaid a thogail air caolas an t-sròim, 's an seach-rathad an sin an dèidh a bhith dùinte tric thar nam bliadhnaichean air sgàth mhaoimtean-slèibhe. Bha Mgr Rothach ag ràdh gum faodadh innealan cumhachd ath-nuadhachail a bhith an cois an leasachaidh, agus gum pàigheadh sin pàirt den chosgais.

Cìsean Teagaisg

Tha Riaghaltas Westminster air a bhith a' dìon an co-dhùnadh cìsean teagaisg a chur an-àirde, às dèidh mar a thuirt eòlaichean nach eil uiread de sgoilearan a' cur a-steach airson chùrsaichean oilthighe ann an Sasainn a-nis. Thuit an àireamh de thagraichean 9% an taca ri an-uiridh.

Richard Dawkins

Tha an Eaglais Shaor ag ràdh gum bu chòir do dhaoine deasbad a dhèanamh aig an òraid a bheir an t-Oll. Richard Dawkins seachad an Steòrnabhagh anns an t-Samhain. Nochdaidh ùghdar The God Delusion, aig an fhèis Faclan, agus bha moladh ann an òraid a sheachnadh.