Connspaid mu thuathan-gaoithe Mhoireibh

Crann-gaoithe
Image caption Tha Comhairle Mhoireibh a' sireadh bheachd an t-sluaigh air mar a bu chòir dhaibh dèiligeadh ri iarrtasan airson tuathan-gaoithe.

Chaidh innse do Chomhairle Mhoireibh nach fhaod iad casg a chur air tuathan-gaoithe ùra, fhad 's a tha iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air na poileasaidhean dealbhachaidh aca.

Bha comhairlichean na sgìre air fad airson moratorium a chur air leasachaidhean ùra, 's co-chomhairleachadh poblach a' leantainn mun dòigh anns am bu chòir dhan Chomhairle iarrtasan-dealbhachaidh a làimhseachadh.

Chaidh Riaghaltas na h-Alba an aghaidh na Comhairle ge-tà, 's iad ag ràdh gun adhbhraicheadh an casg mì-chinnt agus dàil.

"Briseadh-dùil"

Thuirt Ceannard dealbhachaidh na Comhairle, an Comh. Dùghlas Ros, nach biodh casg rè ùine air mòran cron a dhèanamh fhad 's a bhiodh iad a' sgrùdadh càite am bu chòir do thuathan-gaoithe ùra a bhith stèidhichte.

Thuirt e gur e briseadh-dùil a th' ann dhaibh, nach do ghabh an Riaghaltas ri sin.

Thuirt Ministear nan Ùghdarrasan Ionadail, Derek MacAoidh BPA, nach do thachair an leithid riamh ann an Alba.

Tha an Riaghaltas a' cumail a-mach gum bu chòir fiosrachadh gu leòr a bhith aig comhairlichean air gach tagradh fa-leth airson co-dhùnadh sgiobalta a dhèanamh air.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile