Charrette Inbhir Nis

Seach-rathad Inbhir Nis Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Plana na Comhairle son seach-rathaid Inbhir Nis.

Gheibh daoine agus gnìomhachasan ann an Inbhir Nis cothrom am beachd a thoirt air leasachaidhean a bhios an cois seach-rathaid ùir a' bhaile.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd obair a thòiseachadh ann an 2014 agus rathad ùr a chur tarsainn air Abhainn Nis agus an Canàl Cailleanach gus cearcall-rathaid Dhubhrais a cheangail ris an A82.

'S ann mar sin air sgìrean Thòrr Bheathain, Baile Theàrlaich agus Taobh Nis a bhios a' cho-chomhairleachadh seo stèidhichte.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gur e "charrette" a bhios ann, pròiseas far am faigh daoine air na beachdan aca a chur air adhart air leasachadh sgìreil, leis an amas gun tèid aontachadh air plana-gnìomha aig deireadh a' ghnothaich.

Eòlaichean

Bidh eòlaichean-dealbhachaidh ann son stiùireadh is comhairle a thoirt seachad.

"Seo cothrom air leth do dhaoine tighinn air adhart le am beachdan, agus buaidh a thoirt air na goireasan ùra a bhios an lùib an leasachaidh seo," thuirt Fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Jimmy Gray.

"Tha sinn gu sònraichte airson beachdan dhaoine fhaighinn air càite am bu chòir taighean ùra, goireasan spòrs is gnìomhachasan a bhith stèidhichte, is dè na ceanglaichean còmhdail a bhios ann," thuirt e.

Tòisichidh an charrette le coinneimh Diluain an 3mh den t-Sultain aig 7:00f ann an Ionad Crìosdaidheachd Chùil Daothail.

Deasbad

Thathas an dùil an uair sin ri dà là de dheasbad agus cruinneachadh fiosrachaidh, le bùth-obrach cuideachd tron là Dimàirt an 4mh den t-Sultain ann an Eaglais na h-Alba ann an Ceann a' Mhìlidh.

Thèid an uair sin dreach de phlana-gnìomha fhoillseachadh Diardaoin an 6mh den t-Sultain aig 7:00f, a-rithist ann an Ionad Crìosdaidheachd Chùil Daothail.

"S e dòigh an ìre mhath ùr a tha seo air daoine a thoirt a-steach air pròiseas an dealbhachaidh, is tha sinn airson tuilleadh feum a dhèanamh dheth," thuirt an Comh. Tòmas Prag, Cathraiche Comataidh an Dealbhachaidh.

"Bu chòir dhan t-sluagh tighinn thugainn le beachdan air leasachadh - is mar a ghabhadh an leasachadh sin a chur an sàs, agus 's docha air a' cheann thall gum faic daoine na beachdan aca a' nochdadh san dreach phlana-gnìomha againn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile