Eachdraidh aig Pittodrie

Ross County is Tobar na Màthar. Image copyright SNS
Image caption Thog County puing bhon chiad gheama aca san SPL an t-seachdain seo chaidh.

Thèid beagan eachdraidh a dhèanamh aig Pittodrie Disathairne agus Obar Dheathain is Ross County gus coinneachadh ann an geama farpaiseach son a' chiad uair.

Bidh an dà sgioba ag amas air 3 puingean fhaighinn son a' chiad turais air an t-seusan ùr - is gu dearbha son Chounty - an ciad 3 puingean san SPL.

Thèid sgioba Inbhir Pheofharain a-steach dhan gheama ann an sunnd ge-tà, às dèidh dhaibh crìochnachadh 0-0 an aghaidh Thobar na Màthar sa chiad gheama aca aig an ìre as àirde.

'B e toiseach-tòiseachaidh math a bha sin - agus bha e a' ciallachadh nach eil County air gin de na 35 geamaichean lìge mu dheireadh aca a chall.

Chaill Obar Dheathain a' chiad gheama acasan den t-seusan, 1-0 an aghaidh Celtic ann an Glaschu, is bidh iad gu mòr ag amas air rudeigin a thoirt às a' gheama seo.

Tha dùil ri sluagh mòr agus luchd-leantainn chlubaichean an SPL airson na pàircean aca a lìonadh gus sealltainn nach eil iad a' crochadh air an Old Firm a thaobh ionmhais.

Tòisichidh gnothaichean Disathairne aig 15:00 agus thèid an geama air fad a chraoladh air BBC ALBA bho 18:00.