£5m airson bann-leathainn dùthchail

Càbalan conaltraidh Image copyright Other
Image caption Tha an Riaghaltas airson bann-leathann na h-Alba a làn-leasachadh ro 2020.

Gheibh coimhearsnachdan ann an sgìrean dùthchail cothrom air maoin luach £5m a chaidh a bhonntachadh gus bann-leathann fìor luath a thoirt dhaibh.

Thathas a' sùileachadh gum bi a' bhuidheann Bann-leathann Coimhearsnachd na h-Alba ag obair mar ionad uile-fhiosrachaidh do bhuidhnean dùthchail, airson comhairle agus fiosrachaidh fhaighinn air seirbheisean nas fheàrr.

'S ann air àireimh bhig de phròiseactan a bhios aire a' chiad sruth den mhaoin, le dùil gun seas iad mar eisimpleirean do chàch.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad airson 's gum biodh bann-leathann na dùthcha aig ìre cho math 's a ghabhas ro 2020.

Thuirt Rùnaire a' Bhun-structair agus an Ionmhais Chalpa, Ailig Neil: "Cha bu chòir coimhead ris a' bhann-leathann mar rud faoin ann an sgìrean dùthchail.

"Tha e deatamach gun toir sinn inbhe na beatha air adhart agus gum brosnaich sinn fàs anns an eaconamaidh ionadail.

"Bheir an t-ionmhas seo de £5m thar an ath thrì bliadhna taic shònraichte seachad do phròiseactan coimhearsnachd a thaobh bann-leathann freagarrach a thoirt do na sgìrean aca," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile